Sìth air an Talamh—Ciamar a Thig i?
Freagairt a’ Bhìobaill
Thig sìth air an talamh, chan ann tro oidhirp mac an duine ach trìd Rìoghachd Dhè, riaghaltas nèamhaidh air a riaghladh le Ìosa Crìost. Meòraich air dè tha Am Bìoball gar teagasg mun dòchas iongantach seo.
Tha Am Bìoball a’ gealladh, “Caisgidh e (Dia) an cogadh gu iomall na talmhainn,” a’ coileanadh a ghealltainn gun toir e “air talamh sìth am measg dhaoine leis a bheil e toilichte.”—Salm 46:9; Lùcas 2:14.
Riaghlaidh Rìoghachd Dhè os cionn na talmhainn uile bho nèamh. (Daniel 7:14) Mar riaghaltas cruinneil, cuiridh i stad air nàiseantachas, a tha bonn na cùise de iomadh chòmhstri.
Tha Ìosa, Riaghladair na Rìoghachd Dhè, air ainmeachadh “Prionnsa na sìthe,” agus dèan e cinnteach gum bi sìth ann nach tig gu crìoch.—Isaiah 9:6, 7.
Cha bhi daoine a tha airson cumail a’ sabaid ceadaichte a bhith a’ fuireach fon Rìoghachd Dhè, oir “esan a thug spèis do fhòirneart, is fuath le [Dia] a anam.”—Salm 11:5; Gnàth-fhacal 2:22.
Bidh Dia a’ teagasg a mhuinntir ciamar is urrainn dhaibh a bhith beò ann an sìth. Tha Am Bìoball a’ mìneachadh air na toraidhean a bheir an stiùireadh seo: “agus buailidh iad an claidheamhan gu coltairean, agus an sleaghan gu corrain-sgathaidh; cha tog cinneach claidheamh an aghaidh cinnich, agus chan fhòghlaim iad cogadh nas mò.”—Isaiah 2:3, 4.
An-dràsta air feadh an t-saoghail, tha milleanan de Fhianaisean Iehòbha ag ionnsachadh bho Dhia ciamar as urrainn dhaibh a bhith sìtheil. (Mata 5:9) Ged a tha sinn bho iomadh cinneadh agus a’ fuireach ann am barrachd air 230 dùthchannan eadar-dhealaichte, tha sinn a’ diùltadh armachd a thogail suas an aghaidh mhuinntir eile.
Bidh Fianaisean Iehòbha ag ionnsachadh slighean na sìthe an-diugh.