CÙRSA SGRÙDAIDH A’ BHÌOBAILL STIÙIRICHTE
Meal Beatha Gu Bràth!
Anns a’ chùrsa Bhìobaill eadar-gnìomhach an-asgaidh seo, gheibh thu freagairtean do cheistean mar:
Ciamar a gheibh mi sonas nam bheatha?
An tig olc agus fulangas gu crìoch?
Am faic mi mo luchd-gràidh marbh a-rithist?
A bheil cùram aig Dia dhomh gu dearbh?
Ciamar a nì mi ùrnaigh le cinnt gu bheil Dia ag èisteachd rium?
Saor An-asgaidh
Gheibh thu an cùrsa air fad an-asgaidh, leis a’ ghoireas sgrùdaidh Meal Beatha Gu Bràth! agus Bìoball ma tha dhìth agad air.
Freagarrach
Coinnich ri neach-cuidich ann am pearsa no air loidhne—aig àm no àite sam bith.
Chan eil dleastanas ann
Faodaidh tu sgur aig àm sam bith.
Ciamar a tha ar Cùrsa Bìobaill ag obrachadh?
Bidh neach-cuidich pearsanta gad chuideachadh ionnsachadh dè tha Am Bìoball a’ teagasg, cuspair air chuspair. San chùrsa Bhìobaill eadar-gnìomhach Meal Beatha Gu Bràth! ionnsaichidh tu beag air bheag teachdaireachd a’ Bhìobaill is ciamar is urrainn e do chuideachadh. Airson tuilleadh ionnsachaidh, faic am bhidio seo no leugh freagairtean gu ceistean cumanta mun cùrsa seo.
A bheil thu ag iarraidh ro-shealladh den stòras?
Thoir sùil air na leasanan tòiseachaidh bhon chùrsa.
Deiseil?
Cliog am putan airson do chiad seisean sgrùdaidh a’ Bhìobaill a chur air dòigh.

