Skip to content

A Bheil Dia Ann?

A Bheil Dia Ann?

Freagairt a’ Bhìobaill

 Gu dearbh, tha am Bìoball a’ toirt seachad fianais shoilleir gu bheil Dia ann. Tha e gar brosnachadh creideamh a thogail ann an Dia, chan ann le bhith a’ togail bheachdan creideimh gun smuain, ach le bhith a’ cleachdadh comas-inntinn, “gum bi eòlas againn.” (Ròmanaich 12:1; 1 Eòin 5:​20) Smaoinich air na tha am Bìoball ag ràdh:

  •   Tha an domhan òrdail làn beatha a’ sealltainn gu bheil Cruithear ann. Tha am Bìoball ag ràdh: “Oir tha a h-uile taigh air a thogail le cuideigin, ach ‘s e Dia a thog a h-uile sìon.” (Eabhraidhich 3:4) Ged a tha seo sìmplidh, tha mòran dhaoine foghlamaichte den bheachd gu bheil an loidsig seo cumhachdach. a

  •   Mar dhaoine, tha sinn ag iarraidh an ciall agus adhbhar am beatha a thuigsinn.Tha seo seòrsa de dh’acras a dh’fhaodas fuireach às dèidh feumalachdan corporra againn air a bhith riaraichte. Tha am Bìoball ag innse dhuinn gu bheil feum spioradail againn, a tha ag iarraidh a bhith eòlach air agus adhradh do Dhia a dhèanamh. (Mata 5:3; Taisbeanadh 4:​11) Tha an fheum spioradail seo a’ toirt fianais gu bheil Dia ann agus a’ nochdadh gu bheil e na Chruthaiche gràdhach a tha ag iarraidh oirnn a bhith taitneach.​—Mata 4:4.

  •   Chaidh fàidheadarachdan mhionaideach sgrìobhte anns a’ Bhìoball, linntean mus do thàinig iad gu buil dìreach mar a bha dùil. Tha an cruinneas agus mion-fhiosrachadh de na ro-innse seo a’ nochdadh gu làidir gun tàinig iad bho cuideigin os-daonna.​—2 Peadar 1:​21.

  •   Bha eòlas saidheansail aig sgrìobhadairean a’ Bhìobaill; eòlas a bha taobh a-muigh tuigse na sgrìobhadairean a bha co-aimsireil riutha. Mar eisimpleir, anns na seann linntean bha mòran dhaoine a’ creidsinn gun robh an talamh na laighe air beathaichean, mar ailbhean, torc, no tarbh. Co-chontrarrachd ri sin, tha am Bìoball ag ràdh gu bheil Dia “a’ crochadh na talmhainn air neonì.” (Iob 26:7) Cuideachd, tha am Bìoball a’ toirt cunntas ceart air cumadh na talmhainn mar “chruinne.” (Isaiah 40:22, footnote; Douay Version) Tha mòran dhaoine reusanta den bheachd gun d’ fhuair na sgrìobhadairean an tuigse adhartach seo bho Dhia.

  •   Tha am Bìoball a’ freagairt mòran cheistean duilich, uaireannan mura thèid am freagairt ceart a lorg, bhith an dùil aig daoine a bhriseadh agus cha bhith iad a’ smaoineachadh gu bheil Dia ann fhathast. Mar eisimpleir: Ma tha Dia uile cumhachdach carson a tha fulangas agus olc air an t-saoghal? Carson a tha creideamh cho tric an adhbhar airson duilgheadasan an àite math?​—Tìtus 1:​16.

a Mar eisimpleir, thuirt Allan Sandage, reul-eòlaiche nach maireann, mu na domhan: “I find it quite improbable that such order came out of chaos. There has to be some organizing principle. God to me is a mystery, but is the explanation for the miracle of existence, why there is something instead of nothing.”