EARRAN 26

Pàrras air Ath-bhuannachadh!

Pàrras air Ath-bhuannachadh!

Troimh mheadhan na Rìoghachd fo Chrìosd, tha Iehòbhah a’ naomhachadh ainm, a dearbhadh uachdaranachd, agus a’ cuir às don a h-uile olc

THA an Taisbeanadh, an leabhar mu dheireadh anns a’ Bhìoball, a’ toirt dòchas dhan a chinne-daonna air fad. Air a chlàradh leis an abstol Eòin, tha lèirsinn anns an leabhar a tha faighinn an crìoch ann an coileanadh rùn Iehòbhah.

Tha a’ chiad taisbeanadh a’ sealltainn Iosa an dèidh aiseirigh, ’s e a’ moladh agus a’ ceartachadh àireamh de choitheanalan. Tha an ath thaisbeanadh gar toirt air beulaibh cathair nèamhaidh Dhè, far a bheil creutairean spioradail a’ tairgsinn adhradh dha.

Tha rùn Dhè a’ dol air-adhart, agus tha Iosa Crìosd a’ faighinn rolla le seachd seulachan orra. Nuair a dh’fhosgail e a’ chiad cheithir seulachan, nochd marcaichean samhlachail agus sgairt iad a-mach dhan t-saoghal. Is e Iosa a’ chiad fhear dhiubh, esan air each geal, ’s e air a chrùnadh na Rìgh. Nochd an uairsin marcaichean air eich de dhathan diofraichte, iad a’ dealbhachadh cogadh, gort agus plàigh—iad gu lèir ri tachairt ’s na làithean mu dheireadh aig riaghaltas an t-saoghail seo. Lean fosgladh an t-seachdamh seula le sèideadh seachd trombaidean samhlachail, iadsan a’ ciallachadh gairm breitheanais Dhè. Thigeadh seachd plàighean samhlachail no breith fearg Dhè an dèidh sin.

Tha Rìoghachd Dhè air a dhealbhachadh mar mhac-pàiste air ùr-bhreith, air a’ stèidheachadh anns na nèamhain. Tha cogadh a’ toiseacheadh, ’s tha Sàtan còmhla ri na h-ainglean olc air an tilgeadh a-mach sìos gun na talmhainn. “An-aoibhinn do luchd-àiteachaidh na talmhainn,” thuirt guth cruaidh. Tha nis fearg mhòr air an Diabhal, ’s fios aige nach eil aige ach ùine ghoirid air fhàgail.—Taisbeanadh 12:12.

Tha Eòin a’ faicinn Iosa ann an nèamh air a dhealbhachadh mar uan, agus còmhla ris 144,000 a bha air an taghadh bhon a chinne-daonna, “rìoghaichidh iad maille ris.” Tha an Taisbeanadh a’ soilleireachadh gum bi na 144,000 nam buill anns an dara phàirt don t-Sìol.—Taisbeanadh 14:1; 20:6.

Tha riaghladairean na talmhainn a’ cruinneachadh gu Armagedon, “cath là mòr sin an Dè uile-chumhachdaich.” Rinn iad batail ris an fhear a bha suidhichte air an each gheal—Iosa, a tha os cionn an arm nèamhaidh. Ach sgriosaidh Iosa iadsan ’s ceanglaidh e a Sàtan. Rìoghachaidh Iosa an talamh còmhla ri 144,000 “rè mìle bliadhna.” Aig deireadh na mìle bliadhna tha Sàtan air an sgrios.—Taisbeanadh 16:14; 20:4.

Dè bhios Riaghaltas nam Mìle-bliadhna aig Crìosd san fheadhainn a tha riaghladh còmhla ris a’ ciallachadh dhan chinne-daonna a bhios umhail? Sgrìobh Eòin: “Tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò; oir chaidh na ciad nithean thairis.” (Taisbeanadh 21:4) A-nis tha an talamh na Phàrras!

Mar sin tha leabhar an Taisbeanadh a’ cuir crìoch air teachdaireachd a’ Bhìobaill. Tha ainm Iehòbhah air a’ naomhachadh troimh Rìoghachd a’ Mhesiah, agus uachdaranachd air a dhearbhadh gu buileach, cinnteach gu sìorraidh.

​—Air a’ stèidheachadh air leabhar Taisbeanadh.