AM BÌOBALL—DÈ AM FIOS A THA E A’TOIRT SEACHAD?

Jesus Performs Miracles

Gàidhlig
Jesus Performs Miracles
https://cms-imgp.jw-cdn.org/img/p/1102009468/univ/art/1102009468_univ_sqr_xl.jpg
bm earran 18

EARRAN 18

Iosa a’ Coileanadh Mìorbhailean

Iosa a’ Coileanadh Mìorbhailean

Iosa a’ dearbhadh troimh a mhìorbhailean ciamar a chleachdas e a neart nuair a bhios e na Rìgh

NEARTAICH Dia Iosa airson rudan a dhèanamh a bha neo-chomasach do dhaoine sam bith eile. Rinn Iosa iomadh mìorbhail—gu tric ann am fianais-shùil mòran dhaoine. Sheall sin gu robh neart aig Iosa os cionn nàimhdean agus cnapan-starraidh sam bith nach còmhraigeadh neach neo-choileanta le soirbheachas a mhaireadh. Smaoinich a-nis air eisimpleirean dhiubh sin.

An t-acras. Thionndaidh Iosa uisge gu fìon glè ghasta ’s e sin a’ chiad mìorbhail a rinn e. Air dà thuras eile bhiadhaich e mòran mhìltean do dhaoine acrach le beagan èisg agus lof-arain. Bha biadh gu leòr ann, ’s bha a h-uile neach sàsaichte.

Tinneasan. Thug Iosa leigheas do dhaoine ’s e “slànachadh gach gnè thinnis, agus gach gnè eucail.” (Mata 4:23) Leis an t-shuathadh leigheis a bh’ aige rinn Iosa na bh’ fheàrr feadhainn a bha dall, no bodhar, air a robh luibhre, no tinneas-tuiteamach còmhla ri daoine bha cuagach, no crioplach no crùbach. Cha robh tinneas sam bith ann de nach toireadh Iosa leigheas seachad.

Droch shìde. Air turas a bha Iosa ’s na deisciobail a’ seòladh tarsainn Muir Ghalile thòisich stoirm a bha cianail. Bha eagal mòr air na deisciobail. Choimhead Iosa gu sìmplidh air an stoirm, ’s dh’abair e: “Tosd, bi sàmhach.” (Marcus 4:37-39) Chaidh an stoirm ciùin gun dàil. Àm eile choisich Iosa air a mhuir nuair a bha stoirm eagalach ann.—Mata 14:24-33.

Na Spioradan olc. Tha spioradan olc cus nas làidir na an cinne-daonna. Tha iad na nàimhdean aingidh an aghaidh Dhè ’s bidh iad a’ cumail greim teann air mòran dhaoine nach eil comasach air faighinn air falbh bhuapa. Co-dhiù, nuair a dh’òrdaich Iosa iad a-mach as na daoine truagh sin a bha nan greim, dh’fhalbh iad bho na daoine gu grad oir bha eagal aca bho Iosa. Ach cha robh sìon a dh’eagal aig Iosa bhuapasan oir bha fios aig na spioradan olc gu robh smachd aige orra.

Am Bàs. ’S e am bàs an aon nàmhaid nach dèan duine dhan chinne-daonna an gnothach air. Gu math freagarrach tha na facail “Sgriosar an nàmhaid deireannach, am bàs.” (1 Corintianaich 15:26) A dh’aindeoin sin thug Iosa aiseirigh dhan na mairbh. Thill e air ais duine òg dha mhàthair, banntrach bhochd, agus nighean òg dha pàrantan a bha ga caoidh glè ghoirt. Àm sònraichte eile thog Iosa gu beatha, a chompanach gràdhach fhèin, Làsaras, daoine a bha marbh ceithir làithean! Thachair an mìorbhail sin air beulaibh mòran dhaoine a bha ga chaoidh. Dh’fheumadh na nàimhdean a bu daingeann a bh’ aig Iosa aideachadh gur e Iosa a rinn an mìorbhail seo.—Eòin 11:38-48; 12:9-11.

Carson a rinn Iosa na bha sin do mhìorbhailean? Nach do bhàsaich a h-uile neach a chuideachd e aig deireadh an latha? Tha sin ceart, ach rinn na mìorbhailean aig Iosa feum mòr a mhaireas. Dhearbh iad gu robh na fàisnichean gaoireil mu dheidhinn riaghladh an Rìgh, am Mesiah stèidhichte san fhìrinn. Gun teagamh, cuiridh an Rìgh a thagh Dia às don acras, tinneasan, sìde chunnartach, spirodan olc, agus am bàs fhèin. Dhearbh Iosa mar thà gun do neartaich Dia a làmhan airson sin a dhèanamh.

​—Air a’ stèidheachadh bhon na leabhraichean aig Mata, Marcus, Lùcas, agus Eòin.