Gàidhlig
Beatha Thlachdmhor Togail Teaghlach
/assets/ct/28ada02fb0/images/syn_placeholder_sqr.png
T-21 tdd 1-6
Beatha Thlachdmhor Togail Teaghlach

BEATHA THLACHDMHOR TOGAIL TEAGHLACH

An gabhteagh a bhi toilichte?

An gabh e dèanamh?

A’ Bheil thu eòlach air teaghlaichean sam bith a tha cho sona còmhla ri chéile ’sa tha an teaghlach ’san dealbh air an duilleag so? Tha teaghlaichean sa h-uile àite a’ sgapadh ’sa brisdeadh sìos—companaich phòsda a dealachadh, obraichean nach eil cinnteach, pàrantan ’nan aonar le’n trioblaidean fhéin agus mealladh dùil. Tha na rudan sin le chéile dèanamh dùil gheadasan mór do theaghlaichean. Tha neach ionnsaichte ann a caithe-beatha theaghlaich a gearain! “Fàisneachd mu bhàs an teaghlaich—tha fios a nis gu bheil a h-uile neach eòlach gu leòir cho coltach ’sa tha sin air tachairt.”

C’ar son a tha teaghlaichean a là’n diugh ga’m bualadh cho cruaidh le suidheachaidhean doirbh draghail? Beatha shona dh’an teaghlach againn? A bhi toilichte còmhla! Nach e bhiodh math? Ach c’àite ’n tionndaidh sinn air son sin a’ lorg?

Ciamar a Thòisich an Teaghlach?

Air son freagairt fhaighinn dha na ceistean sin feumaidh sinn faighneach ciamar a’ thàinig a staid phòsaidh agus an teaghlaich gu bhi ann ’san toiseach. Ma bha Cumadair no Cruithear aca-san nach bu chòir do luchd-teaghlaich coimhead ris air son stiùraidh agus comhairle. Nach cinnteach gu’m biodh fios aige-fhéin dé dhèanadh an teaglach againn lom-làn toileachas-inntinn le sonas mór fad ’ur beatha?

Thà e smaointeachail gu bheil tòrr a’ creidsinn nach robh Cumadair riamh aig rèiteachadh an teaghlaich. Tha Leabhar Cuairt-Fhóghlum America ag radh: “Tha beachd aig feadhainn do sgoilearan gun do thòisich an staid phòsda ’n uair a chaidh brùidean ’nas isle na’n cinne-daonna còmhla na’n dithis.” Ach bhruidhinn Iosa Crìosd mu dhéidhinn cruthachadh an duine ’sa am boireannach. Le cumhachd eachdraidh toiseach a Bhìoball thubhairt Iosa: “Uime sin, an nì a cheangail Dia, na sgaoileadh duine.”—Mata 19:4-6.

Air an aobhar sin bha Iosa Crìosd ceart. Is e Dia fiosrach a chruthaich a cheud chinne-daonna. Chuir esan cùisean air dòigh dhaibh air son a bhi sona còmhla nan teaghlaichean. Is e Dia a’cheangail a cheud snàim pòsaidh ’nuair a thug e a’cheud dithis còmhla ann a ’staid phòsda ’sa Ghàradh Edein. Chomhairlich e an duine: “Dlùth-leanaidh e ra mhnaoi: agus bidh iad nan aon fheòil.” (Genesis 2:22-24) Saoil a nis a’bheil trioblaidean teaghlaichean a là’n dìugh tighinn orra fhéin air sgàth gu bheil iad a’ ruith as déidh dol a mach a tha an aghaidh nan dòighean ceart còir a’sgrìobh an Tighearna dhaibh ’san Leabhar Mhath, am Bìoball?

Càite Bheil an Rathad gu Sonas?

Thà fios agad fhéin glé mhath gu bheil saoghal a làtha ’n diugh a’ cuir air adhart gu mór a h-uile neach a bhi dha fhéin. Buain gu leór dhuit fhéin. Coma leat do’n fheadhainn eile. “Thà sannt fallain” thubhairt fear trusaidh cìs-rìgh. “Faodaidh thu a’bhi sanntach agus a bhi faireachadh glé mhath ’nad phearsa”. Ach a déanamh aoradh agus a déanamh cabhag as déidh stuth saoghalta sanntach. Ga cinnteach, ’se sin a’ rathad ceàrr gu sonas fhaighinn. Bi glic. Na siubhial an rathad sin idir. Gu fìrinneach sin té dha’n na dòighean as cunnartaich air son a’ bhi togal teaghlach. Goididh sin airgiod is ùine bhuat agus cuiridh e bacadh air companaich faighinn air adhart còmhla ri chéile. Daoine air a’sàrachadh, iad leth-mharbh gun sunnt airson tlachd dha ’n teaghlaichean fhéin. Na coisich idir air an rathad sin. Dé math a ní sin do bheath teaglaich a lá ’n diugh? An àite sin dé mu dheidhinn coimhead air dà Ghnàth-Fhacal as a’Bhìoball? Thà iad glé fheumail airson tuigsinn dé thà cudthromach air son sonas fhaighinn.

“Is fheàrr tràth de luibhean, far am bi gràdh, na damh biadhte, agus fuath leis.”

“Is fheàrr greim tioram, agus suaimhneas leis, na taigh làn de ìobairtean maille ri aimhreit.”

Gnàth-Fhacail 15:17; 17:1, “Am Bìoball Gàidhlig.”

Facail làidir. Nach e? Ach smuainich nam biodh a h-uile teaghlach a’cuir air adhart na comhairle luachmhor sin; nach ann a sin a bhiodh a saoghal math? Thà am Bìoball cuideachdadh ri tòrr stiùradh glé phrìseil air an dòigh as fheàrr luchd teaghlaich cùram a’thoirt dha chéile. Trobhad mata agus cuir ùine an dara taobh ’s thoir fainear feadhainn dhiùbh.

Fhir-phòsda: ‘Is amhlaidh sin is còir do na fir am mnathan fhéin a ghràdhachadh, mar an cuirp fhéin.’—Ephesianaich 5:28-30.

Sìmplidh, ach glé fhreagarrach nach eil? Thà am Bìoball cuideachd a’comhairleachadh na fir “a’ tabhairt urraim don mhnaoi”. (1 Peadar 3:7) Nì e sin ma bheir e dhi aire air leth, còmhla ri gràdh gu leòr, tuigse agus misneach. Dìreach a bhi coibhneil rithe. E-fhéin a’ bhi g’éisdeachd ri barail ’s ri beachdan le meas, urram agus ga faicinn prìseil feumail. (Coimeas Genesis 21:12.) Nach dèanadh e feum mhór do theaglach sam bith cùram a bhi aig an fhear dhà bhean mar a’ bhios e ag iarraidh dhà fhéin? Dé do bharail-sa?—Mata 7:12.

Mnathan: “Agus feuchadh a’ bhean gun toir i urram da fear.”—Ephesianaich 5:33

Thà a bhean a’ cuir a steach earrain mhór do shonas an teaghlaich ’nuair a’ ní i a dìchioll an duine aice a’ chuideachadh le uallach trom a’ ghiùlain. Sin a bha ann an inntinn Dhé ’nuair a thug e a bhean Eubha dh’an a cheud duine Adhamh, “nì mi dha còmhnadh da rèir fhéin”. (Genesis 2:18) Bheil sibh a’ tuigse am beannachadh mór a’ thig a steach do dhachaidh far a bheil a bhean a’ sealltain urram coibhneil dha duine fhéin ’si co-obraicheadh còmhla ris air son teachd-an-tìr mhath fhaighinn dh’an teaghlach aca fhéin?

Companich phòsda: “Tha am pòsadh urramach anns na h-uile, agus an leabaidh neo-shalach.”Eabhraidhich 13:4.

’Nuair a bhitheas thà fios gum bi suidheachadh teaghlaich socair, foiseil gun uallach ’sam bith. Mar as tric thà adhaltranas a’ sgainneadh ’sa leòn teaghlach cho dona ’s nach gabh e càradh gu bràth. (Gnàth-Fhacail 6:27-29, 32) Le gliocas thà am Bìoball a’ brosnachadh: “Agus déan gàirdeachas maille ri mnaoi-phòsda d’òige . . . le a gràdh bi a-ghnàth air do lìonadh. Agus carson, a mhic, a mheallar thu le mnaoi choimhich, agus a dhlùthaicheas tu ri broilleach bana-choigrich?”—Gnàth-Fhacail 5:18-20.

Pàrantan: “Teagaisg leanabh a-thaobh na slighe air an còir dha imeachd.”—Gnàth-Fhacail 22:6.

Thà suidheachadh luchd-teaghlaich cinnteach fas nas fheàrr ’nuair a bheir pàrantan aire ’s ùine dha’n chloinn. Mar sin a phàrantan fiachaibh gum bith sibh dìochiollach sin a dhéanamh. Chan ’eil clann beag fada. ’Is e’ n t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach’, Bitheabh matà ga teagaisg a’ rathad cheart dhiadhaidh a’leantail. Cùimhnich, a nì a chì big, ’se nì na big.’ Thà Facal Fìrinneach toir misneach do phàrantan a’ chlann aca fhéin a’ chomhairlichidh; ’nuair a shuidheas tu ad thaigh, agus nuair a dh’imicheas tu air an t-slìghe, agus nuair a laigheas tu sìos, agus nuair a dh’èireas tu suas’. (Deuteronomi 11:19) Thà e ’sa Bhìoball cuideachd a’ bhi toir smachd agus ionnsachadh ann an teagaisg an Tighearna dha’n chloinn. Sin mar a thà na pàrantan a’sealltain dh’an chloinn aca fhéin gu bheil iad gràdhach, prìseil aca. Fìor ghibht snasail bho’n Tighearna tha ann a clann nach e?—Ephesianaich 6:4, Gabh aire mhath dhaibh matà.

Clann: “A chlann, bithibh umhail dur pàrantan anns an Tighearna: oir tha seo ceart.”—Ephesianaich 6:1.

Gu fìor, as an t-saoghal mhì-laghail so; an dràsd ’s rithisd cha bhi e furasda dhuit ùmhlachd a thoirt seachad dha’ do phàrantan. Ach stad mionaid, nach e gliocas a’ bhiodh ann a rud a thubhairt Cumadair an teaghlaich a’ dhèanamh. Ma nì gheibh thu beannachd mhór dhuit-fhéin. Suithad a nis dèan do dhìochioll ’s bi modhail, èasgaidh. Bheir urram dha do phàrantan a’ thug dha’n t-saoaghal thu. Na sàraich iad idir. Thà fios aig Dia dé an rud as fheàrr air son beatha shona shòlasach a bhidh aig luchd-teaglaich. Dèan suas d’inntinn an diugh nach siubhail thusa idir a rathad iomrallach, suarach aig an t-saoghal so le chuid rudan meallta.—Gnàth-Fhacail 1:10-19.

Mar as mò a’ chleachdas gach aon dha’n teaglach comhairle a Bhìoball ’nam beatha fhéin ’s ann as fheàrr a’thig a suidheachadh aca air adhart. Bidh e dìreach àlainn, glé mhath gun teagamh. A bharrachd air a sin an dràsda, bi dùil aca ri beatha mhaireannach ’san t-saoghal ùr eireachdail a’ gheall Dia. (2 Peadar 3:13; Taisbeanadh 21: 3, 4) Dé nis mu dhéidhinn ar teaghlach fhéin tighinn còmhla airson am Bìoball ionnsachadh? Fasan math bhiodh ann dha’n teaghlach agaibh gun teagamh. Air feadh an t-saoghail thà na deich ceudan mhìltean theaghlaichean a’faighinn feum mhór as a’chomhairle ’san leabhar Tòimhseachan Sonas Teaghlaich air Fhosgladh, (Beurla).

Mar a bheil e air a’ chomharrachadh a mach tha na còmhdachaidh sgriobturail as a’ Bhìoball Ghàidhlig (Clò-bhualadh 1992)