Dè tha Am Bìoball ag Ràdh Mu Dheidhinn Saor-Thoile? A Bheil Smachd aig Dia?
Freagairt a’ Bhìobaill
Tha Dia a’ sealltainn urram dhuinn le saor-thoil, a’ chumhachd co-dhùnaidhean againn fhèin a dhèanamh, an àite Dia no dàn a’ ro-rùnachadh dè nì sinn. Meòraich air na tha Am Bìoball gar teagaisg.
Chruthaich Dia mac an duine na dhealbh fhèin. (Genesis 1:26) Neo-choltach ris na beathaichean a tha a’ gnìomh a thaobh nàdair, tha sinn coltach ri ar Cruithear a’ chionn ’s gu bheil an comas againn gràdh agus ceartas a shealltainn. Agus, coltach ri ar Cruithear, tha saor-thoil againn.
Gu ìre mhòr, is urrainn dhuinn ar n-àm ri teachd a dhearbhadh. Tha Am Bìoball a’ brosnachadh dhuinn “roghnaich beatha . . . gun toir thu gèill da ghuth,” le bhith a’ toirt ùmhlachd dhan àitheantan aige. (Deuteronomi 30:19, 20) Bhiodh seo mì-chiallach, fiù ’s mì-thròcaireach, ma bhios sinn gun saor-thoil. An àite a bhith a’ cleachdadh forsa oirnn gus dèanamh an rud a dh’iarras e, bidh e a’ guidhe oirnn san dòigh seo: “O gun tugadh tu fa-near m’àitheantan-sa! An sin bhiodh do shìth mar abhainn.”—Isaiah 48:18.
Chan eil ar soirbheas dearbhadh air an dàn. Ma tha sinn ag iarraidh a bhith soirbheachail air rudeigin, feumaidh sinn a bhith ag obair gu chruaidh air. Tha Am Bìoball ag innse dhuinn “Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall.” (Eclesiastes 9:10) Tha e ag ràdh cuideachd: “Bheir gu deimhinn smuaintean an duine dhìcheallaich gu pailteas.”—Gnàth-fhacal 21:5.
‘S e tiodhlac prìseil bho Dhia a th’ ann an saor-thoil, oir tha e gar leigeil a ghràdhaich e le “uile chridhe”—a chionn ’s gu bheil sinn ag iarraidh sin a dhèanamh.—Mata 22:37.
Nach eil smachd aig Dia air a h-uile sìon?
Tha Am Bìoball a‘ teagaisg gu bheil Dia uile-chumhachdach, chan eil a’ chumhachd aige fo smachd duine eile. (Iob 37:23; Isaiah 40:26) Chan eil e a’ cleachdadh na cumhachd aige ann an dòigh smachdail. Mar eisimpleir, thuirt Dia mun Bàbilon aosmhor, nàmhaid dhan daoine aige, “chùm mi orm fhèin.” (Isaiah 42:14) Anns an aon dòigh, aig an àm seo, tha e a’ taghadh a chur suas ris an fheadhainn a tha a’ cleachdadh an t-saor-thoil aca gus cron a dhèanamh air daoine eile. Ach cha bhi e a’ dèanamh seo gu bràth.—Salm 37:10, 11.

