A Bheil An Rìoghachd Dhè nad Chridhe?

A Bheil An Rìoghachd Dhè nad Chridhe?

Freagairt a’ Bhìobaill

 Chan eil. Chan ann dìreach staid a’ chridhe ann an Crìostaidhean a th’ ann an Rìoghachd Dhè. a Tha Am Bìoball a’ sealltainn far a bheil an Rìoghachd ri lorg agus ga h-aithneachadh “an rìoghachd nèimh.” (Mata 4:​17) Saoil ciamar a tha Am Bìoball a’ sealltainn gur i riaghaltas fìor a tha a’ riaghladh bho nèamh.

 Chan eil Am Bìoball a’ teagaisg gu bheil an Rìoghachd nèamhaidh nad chridhe anns an dòigh gu bheil i a’ riaghladh troimh chridhe. Ach, tha e a’ sealltainn gum faod agus gum bu chòir “facal na rìoghachd” no “an soisgeul seo aig an rìoghachd” buaidh a thoirt air ar cridheachan.​—Mata 13:19; 24:14.

Dè tha “rìoghachd Dhè an taobh a-staigh dhibh” a’ ciallachadh?

 Tha feadhainn ann a tha mì-chinnteach mu far a bheil an Rìoghachd Dhè air sgàth ’s na tha sgrìobhte aig Lùcas 17:21 ann an cuid eadar-theangachaidhean. Mar eisimpleir, tha Am Bìoball Gàidhlig 1992 ag ràdh gu bheil “rìoghachd Dhè an taobh a-staigh dhibh.” Airson an rann seo a thuigsinn gu ceart, feumaidh sinn meòrachadh air a’ cho-theacsa.

Cha robh an Rìoghachd Dhè anns na cridheachan de na nàimhdean ceann-làidir agus mortach a bha an aghaidh Ìosa

 Bha Ìosa a’ bruidhinn ris na Pharasaich, buidheann de cheannardan cràbhach a bha na aghaidh agus a chur air dòigh a bhàs. (Mata 12:14; Lùcas 17:20) A bheil e a’ dèanamh ciall a’ smaoineachadh gun robh an Rìoghachd anns na cridheachan cruaidhe aca? Dh’innis Ìosa riutha: “tha sibhse . . . anns an taobh a-staigh làn ceilg agus easaontais”.​—Mata 23:27, 28.

 Tha cuid de eadar-theangachaidhean eile a’ soilleireachadh faclan Ìosa aig Lùcas 17:21: “Tha Rìoghachd Dhè an seo leibh.” (Clò Eadailteach againne; Contemporary English Version ) “Tha rìoghachd Dhè nur measg.” (ATN 2017) Bha an Rìoghachd nèimh leotha, no am measg nam Pharasaich, air sgàth ’s gun robh Ìosa, am fear taghta le Dia gu bhith a’ riaghladh mar Rìgh, na sheasamh romhpa.​—Lùcas 1:​32, 33.

a Tha mòran bhuidhinn Crìostail a’ teagaisg gu bheil an Rìoghachd Dhè anns a’ chridhe aig cuideigin. Mar eisimpleir, anns Na Stàitean Aonaichte, thuirt an Southern Baptist Convention gu bheil an Rìoghachd Dhè ann am pàirt “an rìoghachadh Dhè na bheatha agus chridhe de neach fa leth.” Cuideachd, anns an leabhar aige Jesus of Nazareth, thuirt Pàpa Benedict XVI gu bheil “an Rìoghachd Dhè a’ tighinn le cridhe a tha ag èisteachd.”