Dè Am Miann Dhè air Mo Shon-sa?
Freagairt a’ Bhìobaill
Tha Dia ag iarraidh gum bi thu a’ fàs eòlach air mar Pearsa, a dlùthachadh ris agus an uairsin gum biodh gràdh agad air, ga frithealadh led uile chridhe. (Mata 22:37, 38; Sheumais 4:8) Faodaidh tu ionnsachadh ciamar is urrainn dhut am miann Dhè a dhèanamh bhon bheatha agus teagaisgean Ìosa. (Eòin 7:16, 17) Cha do bhruidhinn e a-mhàin mu mhiann Dhè—rinn e e. Gu deimhinn, thuirt Ìosa “chan ann airson mo thoil fhèin a dhèanamh ach airson toil an aoin a chuir a-mach mi a dhèanamh.”—Eòin 6:38.
A bheil feum agam air comharra sònraichte, sealladh, no gairm beatha airson fios fhaighinn dè am miann Dhè air mo shonsa?
Chan eil, oir tha brath Dhè do chinne-daonna ri lorg anns a’ Bhìoball. ’S ann na tha dhith ort “air uidheamachadh airson gach deagh obair” ri lorg. (2 Timòteus 3:16, 17) Tha Dia ag iarraidh ort gum bi thu a’ cleachdadh a’ Bhìobaill cuide ri “ur n-inntinn”, gus ionnsachadh “dè toil Dhè” dhut.—Ròmanaich 12:1, 2; Ephèsianaich 5:17.
A bheil e comasach dhomh, gu dearbh, toil Dhè a dhèanamh?
Tha, is urrainn dhut, oir tha Am Bìoball ag radh: “chan eil na h-àithntean aige trom” dhuinn. (1 Eòin 5:3) Chan eil sinn ri ràdh gu bheil e furasta a bhith umhail do na h-àithntean Dhè an còmhnaidh. Ach bidh na buadhan a gheibh thu fada nas motha na oidhirp sam bith, ge-tà. Thuirt Ìosa e fhèin: “is beannaichte iadsan a tha ag èisteachd ri facal Dhè agus a chumas e.”—Lùcas 11:28.

