CEISTEAN ÀS A’ BHÌOBALL AIR AM FREAGAIRT

Cuin a thòisich Dia an Domhain a chruthachadh?

Gàidhlig
Cuin a thòisich Dia an Domhain a chruthachadh?
https://cms-imgp.jw-cdn.org/img/p/500100105/univ/art/500100105_univ_sqr_xl.jpg
ijwbq aiste 173

Cuin a thòisich Dia an Domhain a chruthachadh?

Cuin a thòisich Dia an Domhain a chruthachadh?

Freagairt a’ Bhìobaill

 Chan eil Am Bìoball ag innse dhuinn nuair a thòisich Dia air an domhain a chruthachadh no dè cho fad ’s a thug e airson seo a dhèanamh, ach tha e ag ràdh gu simplidh: “Anns an toiseach chruthaich Dia na nèamhan agus an talamh.” (Genesis 1:1) Chan eil Am Bìoball ag innse dhuinn nuair a thachair “an toiseach.” Ach tha an sreath-leanmhainn a tha clàradh ann an Genesis a’ sealltainn gun robh e ro na sia faidean-ùine no “làithean” den chruthachaidh.

 An robh na sia làithean den chruthachaidh làithean litireil le 24 uairean?

 Cha robh. Anns a’ Bhìoball, faodaidh am facal “latha” a’ ciallachadh fad-ùine diofaraichte a rèir a cho-theacsa. Mar eisimpleir, tha aon phàirt den chunntas ag ràdh gun robh an ùine chruthachaidh air fad dìreach aon latha.—Genesis 2:4

 Dè thachair rè na sia làithean den chruthachaidh?

 Chruth-atharraich Dia an talamh bho àite “gun dealbh agus falamh” gu talamh aitreabhach. (Genesis 1:2) An uairsin chruthaich e beatha air an talamh. Tha Am Bìoball ag innse dhuinn mu sia tachartasan a thachair rè na làithean no tùs-aimsirean den chruthachadh:

  •  Latha 1: Chruthaich Dia solas a ruigse aghaidh an talamh, a’ tòiseachadh cearcall oidhche is latha.—Genesis 1:3-5.

  •  Latha 2: Chruthaich Dia an adhar eadar na h-uisgeachan air aghaidh an talamh agus na h-uisgeachan os cionn.—Genesis 1:6-8.

  •  Latha 3: Chruthaich Dia an tìr tioram. Chruthaich e na lusan.—Genesis 1:9-13.

  •  Latha 4: Chruthaich Dia a’ ghrian, a’ ghealach agus na reultan gu bhith follaiseach bhon aghaidh an talamh.—Genesis 1:14-19.

  •  Latha 5: Chruthaich Dia beatha uisgeach agus beathaichean itealaich.—Genesis 1:20-23.

  •  Latha 6: Chruthaich Dia beathaichean air an talamh agus daoine.—Genesis 1:24-31.

 Às dèidh a’ cho-dhùnaidh den siathamh latha, ghabh Dia fois bhon obair seo, no sguir e a chruthachadh.—Genesis 2:1, 2.

 A bheil cunntas Genesis ceart gu saidheansail?

 Chan eil cunntas cruthachaidh a’ Bhìobaill a’ gabhail ort gur e sgrùdadh mionaideach saidheansail a th’ ann. Ach tha e sgrìobhte ann an dòigh gun urrainn leughadairean, fiù ’s iad a bha beò aig àm a’ Bhìobaill, a tuigsinn an sreath-leanmhainn de chruthachadh ann an dòigh simplidh. Sgrìobh Astrophysicist Robert Jastrow: “Tha na mion-puingean air fad diofaraichte, ach tha am brìgh nan cunntasan reul-eòlach agus a’ Bhìobaill ceunda. Thòisich an sreath-leanmhainn a tha a’ leantainn gu daoine gu h-obann agus gu geur, aig ùine sònraichte ann an eachdraidh.”

 Cuin an deach a’ ghrian, a’ ghealach agus na reultan a chruthachadh?

 Bha a’ ghrian, a’ ghealach agus na reultan ann mar tha, mar phàirt den “nèamhan” a bha air a chruthachadh “anns an toiseach”. (Genesis 1:1) Ach, tha e follaiseach nach do ràinig solas aghaidh an talamh air sgàth an àile dlùth. (Genesis 1:2) Ged a bha solas sgaoilteach follaiseach air a chiad latha cha robh stòr an solas aithneachail. Air an ceathramh latha, tha e follaiseach gun thog an àile dlùth. Tha Am Bìoball ag ràdh às dèidh seo gun do thoisich a’ ghrian, a’ ghealach agus na reultan a’ deàrrsadh “solas air an talamh”—Genesis 1:17.

 Dè cho seann a tha an talamh a rèir a’ Bhìobaill?

 Chan eil Am Bìoball ag innse dhuinn dìreach cho seann sa tha an talamh. Tha Genesis 1:1 ag ràdh gu sìmplidh gun robh tòiseach aig an domhan agus ar talamh. Chan eil seo ann an còmhstri le phrionnsabalan saidheansail làidir no le tha luchd-saidheans a chreidsinn mu aois an talamh.