A Bheil e Riatanach a Bhith Pàirt de Chreideamh Eagraichte?
Freagairt a’ Bhìobaill
Seadh, tha Dia ag iarraidh air daoine a chruinneachadh còmhla airson adhradh. Tha Am Bìoball ag ràdh: “Agus gabhamaid an aire dha chèile gus gràdh agus deagh obraichean a bhrosnachadh, gun dearmad a chur air cruinneachadh còmhla.”—Eabhraich 10:24, 25.
Nochd Ìosa gum biodh a luchd-leantainn nam buidheann eagraichte, nuair a thuirt e riutha: “Le seo aithnichidh na h-uile gur sibh mo dheisciobail-sa—ma bhios gràdh agaibh dha chèile.” (Eòin 13:35) Seallaidh dheisciobail Chrìosd an gràdh seo le bhith a’ dèanamh comann ri co-chreideamhach. Bhiodh iad eagraichte ann an co-thionalan gus a bhith a’ cruinneachadh gu cunbhalach, airson adhradh a thoirt suas. (1 Corintianaich 16:19) Cruinn còmhla, bhiodh iad nam bràithreachas cruinneil.—1 Peadar 2:17.
Tha barrachd a dhìth na dìreach a bhith na phàirt de chreideamh
Ged a tha Am Bìoball a’ sealltainn gum bu chòir do dhaoine cruinneachadh airson adhradh a dhèanamh, chan eil e a’ teagasg gun urrainn do chuideigin Dia a thoileachadh, dìreach le bhith na ball-chreideimh. Airson Dia a thoileachadh, feumaidh creideamh cuideigin buaidh a thoirt air a bheatha làitheil. Mar eisimpleir, tha Am Bìoball ag ràdh: “’S e seo cràbhadh fìorghlan is neo-thruaillidh an làthair Dhè an t-Athair: a bhith a’ tadhal air dilleachdain ’s air banntraichean nan trioblaid, agus neach a chumail gun smal on t-saoghal.”—Sheumais 1:27.

