Carson a leig Dia an t-Olocost a tachairt?
Tha a’ mhòr chuid de dhaoine a tha a’ faighneachd a’ cheist seo air a dhol tro duilgheadasan cruaidh agus pearsanta. Chan eil iad a’ coimhead dìreach airson freagairtean ach sìth cuideachd. Tha mòran a’ faireachdainn gu bheil an t-Olocost an rud as miosa a thachair a-riamh agus air sgàth seo chan eil iad a’ creidsinn ann an Dia tuilleadh.
Mì-thuigsinn cumanta mu dheidhinn Dia agus an t-Olocost
Mì-thuigsinn: Chan eil e ceadaichte a’ faighneachd carson a leig Dia an t-Olocost a tachairt.
Fìrinn: Fiù’ s bidh daoine le creideamh làidir a’ faighneachd carson a tha Dia a’ leigeil uilc. Mar eisimpleir, dh’fhaighnich Habacuc ri Dia: “Carson a tha thu a’ nochdadh dhomh aingidheachd, agus a’ toirt orm sealltainn air doilgheas?” (Habacuc 1:3) An àite a bhith feargach le Habacuc, chuir Dia na ceistean aige sìos sa Bhìobaill airson sinn uile a leughadh.
Mì-thuigsinn: Chan eil cùram aig Dia airson am fulangas againn.
Fìrinn: Tha gràin aig Dia air aingidheachd agus am fulangas a tha sin a’ dèanamh. (Gnàth-fhacal 6:16-19) Tha Am Bìoball ag innse dhuinn gun robh fòirneart air feadh an t-saoghail anns na làithean Nòah, agus thug seo “doilgheas dha [Dia] na chridhe.” (Genesis 6:5, 6) Gun teagamh sam bith, bha Dia a’ faireachdainn pian uabhasach tro an t-Olocost.—Malachi 3:6.
Mì-thuigsinn: B’ e an t-Olocost peanas air na h-Iùdhaich bho Dhia.
Fìrinn: Leig Dia na Ròmanaich a sgriosadh Ierusalem anns a’ chiad linn. (Mata 23:37–24:2) Ach bhon àm sin, chan eil Dia a’ taghadh buidheann cinnidheachd sam bith airson fàbhar sònraichte no airson peanas. Ann an sùilean Dhè, “chan eil eadar-dhealachadh sam bith eadar Iùdhach is Greugach.”—Ròmanaich 10:12.
Mì-thuigsinn: Ma tha Dia uile-cumhachdach ann, bhiodh e a’ cur stad air an t-Olocost.
Fìrinn: Ged nach e Dia as coireach airson fulangas, uaireannan bidh e ga leigeil airson ùine.—Sheumais 1:13; 5:11.
Carson a leig Dia an t-Olocost a tachairt?
Leig Dia an t-Olocost airson an aon adhbhar a leig e fulangas gu lèir: airson cùisean moralta a chur ceart a bha air an togail bliadhnaichean air ais. Tha Am Bìoball a’ sealltainn gu soilleir gur e an Diabhal agus chan e Dia, a tha a’ riaghladh an t-saoghail aig an àm seo. (Lùcas 4:1, 2, 6; Eòin 12:31) Tha dà fhìrinn bhon a’ Bhìoball a’ mìneachadh carson a leig Dia an t-Olocost a tachairt.
Chruthaich Dia daoine le saor-thoil. Dh’innis Dia dhan a’ chiad dhaoine, Àdhamh agus Eubha, dè bha e ag iarraidh orra a dhèanamh, ach cha robh e a’ cur cuideam orra a bhith umhail dha. Mar a rinn daoine eile tro eachdraidh thaghadh Àdhamh agus Eubha dhaibh fhèin de bha ceart is ceàrr, agus air sgàth ‘s sin tha trioblaidean air feadh an t-saoghail. (Genesis 2:17; 3:6; Ròmanaich 5:12) Tha an leabhar Statement of Principles of Conservative Judaism ag ràdh: “Tha a’ mhòr chuid den fhulangas anns an t-saoghail a’ tachairt air sgàth ’s nach eil sinn a’ cleachdadh an saor-thoil a th’ againn ann an dòigh cheart.” An àite a’ toirt air falbh an saor-thoil againn, tha Dia a’ leigeil daoine ùine gus feuchainn a bhith soirbheachail às aonais an stiùireadh aige.
Gun teagamh, nì Dia cinnteach nach bi cron no cuimhne den Olocost ann gu tur. Tha Dia a’ gealladh gun toir e air ais gu beatha milleanan a bhàsaich, luchd-fulaing an t-Olocost nam measg. Bidh e cuideachd a’ cur air falbh am pian a tha daoine a bha beò tron Olocost a’ faireachdainn, air sgàth ’s na cuimhneachain uabhasach aca. (Isaiah 65:17; Gnìomhan 24:15) Bidh an gràdh aig Dia do dhaoine, a’ dèanamh cinnteach gum bi na geallaidhean seo air an coileanadh.—Eòin 3:16.
Chùm mòran luchd-fulaing agus daoine a bha beò tron Olocost an creideamh aca agus lorg iad ciall nan beatha nuair a tha iad a’ tuigsinn carson a leigeas Dia olc, agus ciamar a bhios e a’ cur seo ceart.

