Dè tha Am Bìoball ag Ràdh mun Nollaig?
Freagairt a’ Bhìobaill
Chan eil Am Bìoball a’ toirt dhuinn ceann là-breith Ìosa, agus chan eil e ag innse dhuinn gum bu chòir dhuinn a cho-là breith a chomharrachadh. Mar a tha McClintock agus Strong’s Cyclopedia ag ràdh: “Chan eil gleidheadh na Nollaig a’ tighinn le àithne diadhaidh, no bhon Tiomnadh Nuadh.”
An àite sin, tha sgrùdadh eachdraidh na Nollaig a’ nochdadh gu bheil i a’ tighinn bho dheas-ghnàthan cràbhach pàganach. Tha Am Bìoball a’ sealltainn ma bhios sinn a’ dèanamh adhradh ann an dòigh nach eil Dia toilichte leis, bhiomaid a’ toirt oilbheum dha.—Ecsodus 32:5-7.
Eachdraidh cleachdaidhean na Nollaig
Comharrachadh co-là breith Ìosa: “Cha do chomharraich na Crìostaidhean tùsail co-là breith [Ìosa] air sgàth ’s gun do bheachdaich iad gur e rud pàganach a th’ ann a bhith a’ comharrachadh co-là breith dha duine sam bith.”—The World Book Encyclopedia.
25mh An Dùbhlachd: Chan eil fianais sam bith ann gun do rugadh Ìosa air an latha sin. Thaghadh ceannardan na h-eaglaise an latha seo ’s dòcha gus fèillean pàganach a chumail aig àm grian-stad a’ gheamhraidh.
Tabhairt tiodhlaicean, fèistean mòra, cuirmean: Tha an Encyclopedia Americana ag ràdh: “’S e cuirm Ròmanach a bh’ ann an Saturnalia a bha air a chomharrachadh ann am meadhan An Dùbhlachd, agus ’s e am modail a th’ ann airson iomadh cleachdadh na Nollaig. Thàinig bhon chomharrachadh seo, mar eisimpleir, fèistean mòra, tabhairtean tiodhlaicean agus losgadh coinnlean.” Tha an Encyclopædia Britannica ag ràdh gun deach “stad air obair agus gnothachas gu lèir” aig àm Saturnalia.
Solais na Nollaig: A rèir The Encyclopedia of Religion, sgeadaich na h-Eòrpaich na dachaighean aca “le solasan agus sìor-ghorm de gach seòrsa” gus grian-stad a’ gheamhraidh a chomharrachadh agus iad fhèin a ghleidheadh bho spioradan uilc.
Uil-ìoc, cuileann: “Bha Na Draoidhean a’ creidsinn gun robh cumhachd sonraichte aig uil-ìoc. Chaidh an cuileann ag adhradh mar geall gun tilleadh a’ ghrian.”—The Encyclopedia Americana.
Craobh na Nollaig: “Bha adhradh nan craobhan cumanta am measg na h-Eòrpaich pàganach, agus mhair e às dèidh an iompachaidh gu Chrìostachd.” ’S e an àbhaist a bh’ ann gus “cailleach Nollaig a chur air beulaibh, no a-staigh an taighe anns na làithean-saora meadhan gheamhraidh”, aon de na dòighean anns a bheil adhradh nan craobhan air mhaireann fhathast.—Encyclopædia Britannica.

