CEISTEAN ÀS A’ BHÌOBALL AIR AM FREAGAIRT

An Cuidich Am Bìoball Mi Ma Tha Trom-inntinn Orm?

Gàidhlig
An Cuidich Am Bìoball Mi Ma Tha Trom-inntinn Orm?
https://cms-imgp.jw-cdn.org/img/p/502013104/univ/art/502013104_univ_sqr_xl.jpg
ijwbq aiste 32

An Cuidich Am Bìoball Mi Ma Tha Trom-inntinn Orm?

An Cuidich Am Bìoball Mi Ma Tha Trom-inntinn Orm?

Freagairt a’ Bhìobaill

 Cuidichidh, air sàillibh ’s gu bheil an cuideachadh as fheàrr a’ tighinn bho “esan [Dia] a bheir cofhurtachd dhaibhsan a tha dubhach.”​—2 Corintianaich 7:6.

An cuideachadh a tha Dia a’ toirt dha na daoine air a bheil trom-inntinn

  •   Neart. Tha Dia a’ toirt ‘cofhurtachd’ dhut, chan eil e a’ toirt air falbh na trioblaidean agad, ach tha e a’ freagairt do ùrnaighean nuair a tha thu a’ dèanamh ùrnaigh airson neart. (Philipianaich 4:13) Faodaidh tu a bhith cinnteach gu bheil e deiseil gus èisteachd riut. Tha Am Bìoball ag ràdh: “Is dlùth an Tighearna dhaibhsan a tha briste nan cridhe, agus saoraidh e iadsan a tha brùite nan spiorad.” (Salm 34:18) Cluinnidh Dia do ghairm airson cuideachadh, fiù ’s nuair nach urrainn dhut a ràdh ciamar a tha thu a’ faireachdainn.​—Romanaich 8:26, 27.

  •   Eisimpleirean matha. Rinn aon sgrìobhadair a’ Bhìobaill an ùrnaigh seo: “O na doimhneachdan ghlaodh mi riut, a Thighearna.” Bha an sgrìobhadair an Salm a’ faireachdainn nas fheàrr nuair a chuimhnich e gun robh Dia airson mathanas a thoirt dha. Thuirt e ri Dia: “Ma chomharraicheas tusa aingidheachd, a Thighearna; a Thighearna, cò a sheasas? Ach maille riutsa tha maitheanas, agus uime sin bidh eagal air daoine romhad.”​—Salm 130:1, 3, 4.

  •   Dòchas. Tha Dia a’ toirt cofhurt dhuinn aig an àm seo, agus gheall e gum bi e a’ toirt air falbh na trioblaidean a tha a’ leantainn gu trom-inntinn. Nuair a tha an gealladh sin air a choileanadh, “cha chuimhnichear iad sin a bha ann roimhe, agus cha tig iad ann an aire don duine.”​—Isaiah 65:17.

 Nòta: Tha sinn ag aithneachadh an cuideachadh a tha Dia a’ toirt dhuinn, ach bidh Fianaisean Iehòbha a’ lorg cuideachadh meadaigeach airson tinneasan mar trom-inntinn. (Marcas 2:17) Chan eil sinn a’ brosnachadh aon seorsa leigheasadh sam bith. Tha sinn a’ faireachdainn gun fheum daoine co-dhùnaidhean aca fhèin a dhèanamh a rèir cùisean meadaigeach.