Dè tha Am Bìoball ag Ràdh mu Dheidhinn Alcoil? An e Peacadh a th’ ann a bhith ag òl?
Freagairt a’ Bhìobaill
Chan e peacadh a th’ ann a bhith ag òl deoch-làidir gu measarrachd. Tha Am Bìoball ag ràdh gur e tìodhlac bho Dhia a th’ ann am fìon, rudeigin is urrainn a’ còrdadh rinn. (Salm 104:14, 15; Eclesiastes 3:13; 9:7) Tha Am Bìoball cuideachd ag aithneachadh gu bheil buadhan leigheasaidh aig fìon.—1 Timòteus 5:23.
Dh’òl Ìosa fìon nuair a bha e air an talamh. (Mata 26:29; Lùcas 7:34) Nuair a rinn Ìosa aon dè na mìorbhailtean ainmeil aige, thionndaich e uisge gu fìon mar tìodhlac banais fialaidh.—Eòin 2:1-10.
Na cunnartan a bhith ag òl cus
Ged a tha Am Bìoball a’ sealltainn an taobh deimhinneach de fhìon, tha e a’ dìteadh ag òl cus agus a bhith air mhisg. Mar sin, bidh Crìostaidhean a tha airson deoch-làidir ag òl a’ dèanamh seo le fèin-smachd. (1 Timòteus 3:8; Tìtus 2:2, 3) Tha Am Bìoball a’ toirt iomadh adhbhar airson cus ag òl a dhiùltadh.
Tha e a’ dèanamh cron air comas smaoineachaidh agus taghaidhean glica a dhèanamh. (Gnàth-fhacal 23:29-35) Chan urrainn do chuideigin a tha ag òl cus a’ leantainn àitheantan a’ Bhìobaill airson gràdhaichidh Dhia “led uile inntinn” agus “bodhaigean a nochdadh nam beò-ìobairt, naomh is iomchaidh do Dhia.”—Mata 22:37; Ròmanaich 12:1.
Ma bhios sinn ag òl cus chan eil sinn cho mothachail ris na tha sinn a’ dèanamh agus faodaidh e ar rùn a thoirt air falbh gus math a dhèanamh.—Hosèa 4:11; Ephèsianaich 5:18.
Faodaidh e a’ leantainn gu bochdainn agus droch shlàinte.—Gnàth-fhacal 23:21, 31, 32.
Tha Dia mì-thoilichte nuair a tha sinn trom air an deoch.—Gnàth-fhacal 23:20; Galàtianaich 5:19-21.
Dè tha tuilleadh ’s a chòir?
Tha cuideigin air cus a gabhail nuair a tha e ag òl gu ìre a chuireas e fhèin agus feadhainn eile ann an cunnart. A rèir Am Bìoball, tha misgeachd a’ ciallachadh giùlain mar tuathalachd, coiseachd ann an dòigh mì-sheasmhach, a’ fàs còmhstritheach, no a bruidhinn le cainnt neo-shoilleir, agus chan e dìreach cuideigin gun mhothachadh. (Iob 12:25; Salm 107:27; Gnàth-fhacal 23:29, 30, 33) Faodaidh feadhainn nach eil trom air an deoch fhathast a bhith air an “draghadh sìos . . . le misg” agus na buadhan cronail a faireachdainn.—Lùcas 21:34, 35.
Seachnadh gu tur
Tha Am Bìoball ag innse dhuinn mu amannan far am bu chòir Crìostaidhean a’ seachnadh deoch-làidir gu tur:
Nuair a tha deoch na chnap-starra gu feadhainn eile.—Ròmanaich 14:21.
Nuair a tha ag òl deoch-làidir a’ bhriseadh an lagh.—Ròmanaich 13:1.
Mura h-eil smachd air cuideigin air na tha iad ag òl. Cuideachd, feumaidh na feadhainn aig a tha trioblaidean le alcol a bhith deònach atharrachaidhean mòra a dhèanamh.—Mata 5:29, 30.

