An do bhàsaich Ìosa air crois?
Freagairt a’ Bhìobaill
Tha mòran dhaoine den bheachd gu bheil a’ chrois na samhla Crìostachd as cumanta. Ach chan eil am Bìoball a’ toirt cunntas air an inneal a chuir Ìosa gu bàs. Mar sin chan urrainn do neach sam bith a bhith buileach cinnteach dè an cumadh a bh’ ann. A dh’aindeoin sin, tha Am Bìoball a’ toirt seachad fianais nach do bhàsaich Ìosa air crois ach air pòla no crann dìreach.
Gu tric tha Am Bìoball a’ cleachdadh an fhacal Greugais stau·rosʹ nuair a bhios e a’ bruidhinn mu inneal bhàis Ìosa. (Mata 27:40; Eòin 19:17) Ged a tha mòran eadar-theangachaidhean a’ cosg an fhacal “crois” airson stau·rosʹ , tha iomadh eòlaichean ag aontachadh gur e “crann dìreach” a a chiall bhunaiteach. A rèir A Critical Lexicon and Concordance to the English and Greek New Testament, “chan eil stau·rosʹ idir a’ ciallachadh da phìos fiodha a tha ceangal ri chèile aig ceàrn sam bith.”
Tha Am Bìoball a’ cleachdadh an fhacal Greugais xyʹlon mar co-fhacal airson stau·rosʹ. (Gnìomhan 5:30; 1 Peadar 2:24) Tha am facal seo a’ ciallachadh “fiodh,” “crann,” no “craobh.” b Mar sin, tha The Companion Bible a’ tighinn dhan a’ cho-dhùnaidh: “Chan eil dad anns a’ Ghreugais den Tiomnadh Nuadh a tha ag impleachadh dà phìos fiodha.”
Am bi Dia a’ gabhail ri cleachdadh na croise ann an adhradh?
Crux simplex—am briathar Laidinn airson phòla a bha air a chleachdadh gus eucoireach a chur gu bàs.
Ge b’ e dè an cruth a bha air an inneal a chaidh a chleachdadh gus Ìosa a chur gu bàs, tha na rannan a leanas gar stiùireadh gus nach bu chòir dhuinn a’ chrois a chleachdadh nar n-adhradh.
Tha Dia a’ diùltadh adhradh far a bheil ìomhaighean no samhlaidhean Dh’àithn Dia dha clann Israeil nach bu chòir dhaibh a dhèanamh dhaibh fhèin “dealbh snaidhte, coslas riochd air bith” airson an adhradh aca agus san aon dòigh chun Crìostaidhean “teichibh o iodhal-adhradh.”—Deuteronomi 4:15-19; 1 Corintianaich 10:14.
Cha do chleachd Crìostaidhean sa chiad linn a’ chrois san adhradh aca. c Bu chòir do Chrìostaidhean an eisimpleir agus teagaisgean de na h-abstolan a leantainn.—2 Tesalònianaich 2:15.
Tha tùs pàganach aig cleachdadh na croise ann an adhradh. d Ceudan de bhliadhnaichean an dèidh bàs Ìosa, nuair a bha na h-eaglaisean air gluasad air falbh bho na teagaisgean aige, bha cead aig buill ùra na h-eaglaise “cha mhòr na soidhnichean agus samhlaidhean pàganach gu lèir a chumail,” a’ chrois an lùib. (The Expanded Vine’s Expository Dictionary of New Testament Words) Chan eil Am Bìoball ge-tà a’ ceadachadh samhlaidhean pàganach a chleachdadh gus daoine a tharraing do Chrìosd.—2 Corintianaich 6:17.
a Faic New Bible Dictionary, Third Edition, air a dheasachadh le D. R. W. Wood, duilleag 245; Theological Dictionary of the New Testament, Volume VII, duilleag 572; The International Standard Bible Encyclopedia, Revised Edition, Volume 1, duilleag 825; agus The Imperial Bible-Dictionary, Volume II, duilleag 84.
b Faic The Expanded Vine’s Expository Dictionary of New Testament Words, duilleag 1165; A Greek-English Lexicon, le Liddell agus Scott, Ninth Edition, duilleagan 1191-1192; agus Theological Dictionary of the New Testament, Volume V, duilleag 37.
c Faic Encyclopædia Britannica, 2003, innteart “Cross”; The Cross—Its History and Symbolism, duilleag 40; agus The Companion Bible, Oxford University Press, eàrr-ràdh 162, duilleag 186.
d Faic The Encyclopedia of Religion, Iom-leabhar 4, duilleag 165; The Encyclopedia Americana, Iom-leabhar 8, duilleag 246; agus Symbols Around Us, duilleagan 205-207.

