Iehòbha—Cò e?

Iehòbha—Cò e?

Freagairt a’ Bhìobaill

 ’S e Iehòbha Dia fìor a’ Bhìobaill, Cruithear de a h-uile sìon. (Taisbeanadh 4:​11) Rinn na fàidheadairean Àbraham agus Maois adhradh dha, mar an do rinn Ìosa. (Genesis 24:27; Ecsodus 15:1, 2; Eòin 20:17) Chan e Dia airson dìreach aon sluagh ach Dia airson “na talmhainn uile.”​—Salm 47:2.

 ’S e Iehòbha an t-ainm pearsanta Dhè a tha ri lorg anns a’ Bhìoball. ’S e ainm a tha a’ seasamh le fhèin. (Ecsodus 3:​15; Salm 83:18) Tha e a’ tighinn bho gnìomhair Eabhrais a tha a’ ciallachadh ‘gu bhith’, agus creididh cuid de luchd-eòlais gu bheil an t-ainm a’ ciallachadh ‘Tha E ag Adhbharachadh a Bhith.’ Tha am mìneachadh seo freagarrach airson an dreuchd Iehòbha mar Cruithear agus an neach a’ coileanadh a rèir a rùin-san. (Isaiah 55:10, 11) Cuideachd, tha Am Bìoball gar cuideachadh a bhith eòlach air Iehòbha gu pearsanta, agus gu h-àraid air a’ phrìomh buadh aige, gràdh.—Ecsodus 34:5-7; Lùcas 6:35; 1 Eòin 4:8.

 ’S e eadar-theangachadh Gàidhlig a th’ ann an ainm Iehòbha, den ainm Eabhrais airson Dia​—tha na ceithir litrichean יהוה (IHBH), air aithneachadh mar an Tetragrammaton. Chan eil sinn buileach cinnteach mu ciamar a chanas sinn gu ceart e, ach tha eachdraidh fhada aig an ainm “Iehòbha” anns a’ Ghàidhlig, mar eisimpleir, tha e ri lorg ann an Psalma Dhaibhidh a nMeadrachd 1684. a

Carson a tha fuaimneachadh ainm Dhè anns an Eabhrais neo-aithnichte?

 Bha seann Eabhrais sgrìobhte gun fhuaimreagan, dìreach le connragan. Bha e comasach dha na luchd-labhairt Eabhrais na fuaimreagan ceart a chleachadh. Nuair a bha na Sgriobtaran Eabhrais (“An t-Seann Tiomnadh”) air an clàradh, thòisich cuid de na h-Iùdhaich faireachdainn gun robh e ceàrr an t-ainm pearsanta Dhè a chleachdadh. Nuair a leugh iad a-mach sgriobtaran far an robh ainm Dhè ri lorg, chuir iad tiotalan mar “Tighearna” no “Dia” an àite. Tro na linntean, sgaoil am beachd seo agus chaidh am fuaimneachadh ceart air a chall. b

 Tha cuid den bheachd gun robh an ainm naomh air fhuaimneachadh “Yahweh,” ach tha beachdan eile ann. ’S e Iao an tar-litreachadh a tha a’ nochdadh ann am pàirt den leabhar Lebhiticus anns a’ Ghreugais a tha ri lorg ann an Sgrola A’ mhuir Shalainn. Bha sgriobhatairean tràth Greugais cuideachd a’ moladh na fuaimneachaidhean Iae, I·a·beʹ, agus I·a·ou·eʹ, ach chan urrainn am fuaimneachadh ann an Eabhrais aosmhor a bhith air a dhearbhadh. c

Mì-thuigsinnean mu ainm Dhè anns a’ Bhìoball

 Mì-thuigsinn: Tha eadar-theangachaidhean a tha a’ cleachdadh Iehòbha air a chur ann gun adhbhar.

 Fìrinn- Tha am facal Eabhrais airson an ainm Dhè, anns an fhuirm Tetragrammaton, ri lorg barrachd na 7,000 tursan anns a’ Bhìoball. d Bidh a’ chuid mhòr den eadar-theangachaidhean a’ toirt air falbh an ainm Dhè agus a’ cur an àite tiotalan mar “Tighearna.”

 Mì-thuigsinn: Chan eil feum aig Dia Uile-chumhachdach air ainm pearsanta.

 Fìrinn: Bhrosnaich Dia fhèin sgrìobhadairean a’ Bhìobaill an ainm aige a chleachdadh mìltean de tursan, mar sin tha e ag iarraidh gum bi na luchd-adhraidh aige a’ cleachdadh an ainm aige. (Isaiah 42:8; Ioel 2:​32; Malachi 3:​16; Ròmanaich 10:13) Bha Dia feargach air na fàidheadairean fallsa a bha a’ feuchainn ri a thoirt air daoine an ainm aige a dhìochuimhneachadh.​—Ieremiah 23:27.

 Mì-thuigsinn: A’ leantainn an tradaisean aig na Iùdhaich, bu chòir an ainm Dhè a bhith a’ toirt às a’ Bhìoball.

 Fìrinn: Tha e fìor nach canadh cuid sgrìobhaichean Iùdhaich an ainm naomh, ach cha tug iad air falbh an ainm aige bhon na Bhìobaill aca. Chan eil Dia ag iarraidh gum bi sinn a’ leantainn tradaiseanan daoine nach eil ag aontachadh ris na h-àitheantan aige.​—Mata15:​1-3.

 Mì-thuigsinn: Cha bu chòir dhuinn an ainm naomh a chleachdadh oir chan eil sinn buileach cinnteach mu chiamar a bha e air fhuaimneachadh ann an Eabhrais.

 Fìrinn: Tha an argamaid sin a’ ciallachadh gu bheil dùil aig Dia gum bu chòir daoine a tha a’ bruidhinn cànan eadar-dhealaichte an ainm aige fhuaimneachadh san aon dhòigh. Tha Am Bìoball a’ sealltainn gun robh luchd-adhraidh Dhè aig an robh cànan eadar-dhealaichte a’ fuaimneachadh ainmean pearsanta ann an dòighean diofaraichte.

 Saoil, mar eisimpleir, air a’ bhritheamh Eabhraidheach Iosua. Bha Crìostaidhean sa chiad linn aig an robh Eabhrais a’ fuaimneachadh an ainm mar Yehoh·shuʹaʽ, ach bha an fheadhainn aig an robh Greugais ag ràdh I·e·sousʹ. Tha Am Bìoball a’ clàradh an eadar-theangachadh Greugais den ainm Eabhrais Iosua, a’ sealltainn gun robh Crìostaidhean a’ cleachdadh ainmean ceart a bha cumanta sa chànan aca fhèin.​—Gnìomhan 7:​45; Eabhraich 4:8.

 Faodaidh an aon phrionnsabal a bhith air a chleachdadh leis an eadar-theangachadh den ainm naomh. ’S ann a’ cur an ainm Dhe air ais anns a’ Bhìoball far am bu chòir e a bhith an rud as cudromaiche, an àite am fuaimneachadh ceart.

a  Bha an fhoirm “Jehobha” air a cleachdadh ann an Psalma Dhaibhidh a nMeadrachd 1684. Mar a dh’atharraich Gàidhlig, thoisich an litricheas “Iehòbhah” a bhith air a chleachdadh, mar eisimplier ann An Sailm Dhaibhidh 1829 agus Am Bìoball Gàidhlig 1992.

b  Tha An New Catholic Encylopedia, Darna Eagran, Iom-leabhar 14, duilleagan 883-​884, ag ràdh: “Uaireigin, às dèidh am fògarrach, bha cuideam sònraichte a chur air an ainm Yahweh, mar sin bha na faclan ADONAI no ELOHIM air an cleachdadh an àite.”

c  Airson tuilleadh fiosrachadh, faic eàrr-ràdh A4, “The Divine Name in the Hebrew Scriptures,” anns an New World Translation of the Holy Scriptures.

d  Faic an Theological Lexicon of the Old Testament, Iom-leabhar 2, duilleagan 523-​524.