Dè th’ anns na Deich Àitheantan Dhè?
Freagairt a’ Bhìobaill
’S e laghan a thug Dia dhan nàisean Israeil aosmhor a th’ anns na Deich Àitheantan. Tha na laghan seo air an aithneachadh cuideachd mar na Deich Faclan, a tha na eadar-theangachadh den abairt Eabhrais ʽaseʹreth had·deva·rimʹ. Tha an abairt seo ri lorg trì tursan anns na Còig Leabhraichean Mhaois no Torah, a’ chiad chòig leabhraichean den Bhìobaill. (Ecsodus 34:28; Deuteronomi 4:13; 10:4) ’S e deʹka (deich) loʹgous (faclan) an abairt Greugais a tha co-leithid ris agus a thug am facal “Decalogue” dhuinn.
Sgrìobh Dia na Deich Àitheantan air dà chlàr chloiche agus thug e dhan fhàidh aige Maois air Beinn Shinài. (Ecsodus 24:12-18) Tha na Deich Àitheantan air an clàradh aig Ecsodus 20:1-17 agus Deuteronomi 5:6-21.
Carson a tha liostaichean eadar-dhealaichte ann de na Deich Àitheantan?
A bheil na Deich Àitheantan buntainneach sna làithean an-diugh?
Prionnsabalan ri lorg às na Deich Àitheantan air an nochdadh san Tiomnadh Nuadh
Liosta de na Deich Àitheantan
Dèan adhradh do Dhia Iehòbha a-mhàin.—Ecsodus 20:3.
Diùlt iodhal-adhradh.—Ecsodus 20:4-6.
Na cleachd ainm Dhè ann an dòigh eas-urramach.—Ecsodus 20:7.
Cùm an t-Sàbaid.—Ecsodus 20:8-11.
Seall onair dod phàrantan.—Ecsodus 20:12.
Na dèan murt.—Ecsodus 20:13.
Na dèan adhaltranas.—Ecsodus 20:14.
Na dèan goid.—Ecsodus 20:15.
Na tabhair fianais bhrèige.—Ecsodus 20:16.
Na sanntaich.—Ecsodus 20:17.
Carson a tha liostaichean eadar-dhealaichte ann de na Deich Àitheantan?
Chan eil Am Bìoball a’ toirt àireamh shònraichte air gach àithne. Mar sin, tha beachdan eadar-dhealaichte ann air ciamar a bu chòir na h-àitheantan a bhith seòrsaichte. ’S e òrdugh cumanta de na h-àitheantan seo a th’ anns an liosta gu h-àrd. Tha cuid a’ liostadh nan Deich Àitheantan ann an diofar dhòighean. Tha na diofaran anns a’ chiad, dàrna, agus àithneantan mu dheireadh. a
Dè an t-adhbhar airson na Deich Àitheantan?
Bha na Deich Àitheantan nam pàirt de Lagh Mhaois. An lùib an Lagha sin, bha còrr is 600 àithne agus b’ iad am bonn airson rèiteachadh eadar Dia agus Israeil aosmhor. (Ecsodus 34:27) Gheall Dia gum biodh muinntir Israeil soirbheachail nan robh iad umhail dhan Lagh Mhaois. (Deuteronomi 28:1-14) Ach, b’ e am prìomh adhbhar den Lagh gus na h-Eabhraich ullachadh airson Am Mesias, no Crìost, a chaidh a ghealltainn.—Galàtianaich 3:24.
Am feum Crìostaidhean na Deich Àitheantan a ghleidheadh?
Chan fheum. Thug Dia an Lagh aige, an lùib na Deich Àitheantan, dìreach dhan nàisean Israeil aosmhor. (Deuteronomi 5:2, 3; Salm 147:19, 20) Chan eil feum aig Crìostaidhean Lagh Mhaois a chumail, agus bha fiù ’s na Crìostaidhean Iùdhach air an “saoradh on lagh.” (Ròmanaich 7:6) b Bha “lagh Chrìosd” air a chur an àite Lagh Mhaois, a tha a’ gabhail a-steach na h-òrduighean a thug Ìosa gu na luchd-leantainn aige.—Galàtianaich 6:2; Mata 28:19, 20.
A bheil na Deich Àitheantan buntainneach sna làithean an-diugh?
Tha. Air sàillibh ’s gu bheil na Deich Àitheantan a’ foillseachadh smuaintean Dhè, faodaidh sinn buannachadh bho bhith gan sgrùdadh. (2 Timòteus 3:16, 17) Tha na Deich Àitheantan stèidhichte air prionnsabalan earbsail maireannach. (Salm 111:7, 8) Tha na teagasgan a tha ri lorg anns an Tiomnadh Nuadh bunaichte air tòrr de na prionnsabalan seo.—Faic “ Prionnsabalan ri lorg às na Deich Àitheantan air an nochdadh san Tiomnadh Nuadh.”
Theagaisg Ìosa gun robh an Lagh Mhaois air fad, agus na Deich Àitheantan, stèidhichte air dà àithne bhunaichte. Thuirt e: “’Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam agus led uile inntinn.’ Is i seo an àithne as motha agus am prìomh thè. Agus tha an dara tè coltach rithe seo: ‘Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.’ Air an dà àithne seo tha an Lagh gu lèir agus na Fàidhean a’ crochadh.” (Mata 22:34-40) Mar sin, ged nach eil Crìostaidhean a’ cumail an Lagh Mhaois, tha feum aca fhathast gaol a shealltainn do Dhia agus an coimhearsnach.—Eòin 13:34; 1 Eòin 4:20, 21.
Prionnsabalan ri lorg às na Deich Àitheantan air an nochdadh san Tiomnadh Nuadh
Prionnsabal |
Reifreans bhon Tiomnadh Nuadh |
|---|---|
Dèan adhradh do Dhia Iehòbha a-mhàin |
|
Diùlt iodhal-adhradh |
|
Seall onair do ainm Dhè |
|
Dèan adhradh do Dhia gu cunbhalach |
|
Seall onair dod phàrantan |
|
Na dèan murt |
|
Na dèan adhaltranas |
|
Na dèan goid |
|
Na tabhair fianais bhrèige |
|
Na dèan sanntaich |
a Anns an liosta tradaiseanta Iùdhach, tha “Ecsodus 2 a’ chiad ‘facal,’ agus tha rannan 3-6 a’ gabhail ris mar aon; sin a ràdh, an dàrna.” (The Jewish Encyclopedia) Air an làimh eile, tha na Caitligich a’ smaoineachadh gu bheil Ecsodus caibideil 20, rannan 1-6, aon àithne. Mar sin, tha a’ bhreith an aghaidh a’ sealltainn eas-onair do ainm Dhè a’ gluasad gus a bhith na dàrna àithne. Gus àireamh àitheantan a chumail, bidh iad a’ briseadh a’ bhreithe mu dheireadh a tha an aghaidh sanntachadh bean do nàbaidh agus stuthan dha dà lagh shònraichte.
b Tha Ròmanaich 7:7 a’ cleachdadh an deicheamh àithne mar eisimpleir den “Lagh” gus dearbhadh gun robh Lagh Mhaois na phàirt den Deich Àitheantan.

