Skip to content

Skip to secondary menu

Fianaisean Iehòbha

Gàidhlig

Am Biodh Sibh Toilichte an Fhìrinn Fhaighinn?

Am Biodh Sibh Toilichte an Fhìrinn Fhaighinn?

AN FHÌRINN mu dheidhinn dè? Mu dheidhinn ceistean cho cudthromach ’sa dh’fhaighneach daoine riamh. ’S docha gu robh ioghnadh oirbh fhèin mu dheidhinn ceistean mar seo:

  • A bheil Dia gu cinnteach a’gabhail cùram dhuinn fhèin?

  • Cuin a’ stadas cogaidh agus giùlain?

  • Dè thachras dhuinn nuair a’thig a-bàs thugainn?

  • A bheil dòchas sam bith ann airson na mairbh?

  • Ciamar a nì mi ùrnaigh a’chluinneas Dia?

  • Ciamar a gheibh mi beatha thoilichte?

Càite an fhaigheadh thu freagairt air na ceistean a tha sin? Mu thèid sibh do leabharlann no do bhùitean leabraichean no air an eader-lìon ’s dòcha gu faigheadh sibh ioma-mìle leabhraichean iad uile ag radh gu bheil na freagairtean acasan ceart! Gu math tric bidh na leabhraichean sin a’cuir an aghaidh a chèile. Tha feadhainn comasach aig an àm, ach thèid iad a-mach a fasan gu math luath. Agus thig feadhainn eile nan àite.

Ach tha aon leabhar ann aig a bheil freagairtean a tha cinnteach. ’S e leabhar na fìrinn. Thuirt Iosa Crìosd ann an ùrnaigh do Dhia: “Is e dh’fhacal-sa an fhìrinn.” (Eòin 17:17) ’S e am Bìoball Naomh an t-ainm a tha againn air an fhacal sin san là-an-diugh. Air na duilleagan a tha leantainn chì sibh sealladh goirid air na freagairtean soilleir math fìrinneach a tha am Bìoball a’toirt seachad do na ceistean sin.

 A Bheil Dia gu Cinnteach a’ Gabhail Cùram Dhuinn Fhèin?

CARSON A THA A-CHEIST SIN GA FAIGHNEACHD: Tha sinn a’fuireach ann a saoghal làn fulangas, aingidh agus ana-cheartas. Tha creidheamhan gu leòr a’teagasg gur e toil Dhè a reuson a tha sinn a’fulaing giùlan ’s cràdh.

DÈ THA AM BÌOBALL A’ TEAGASG: Chan e Dia idir as coireach airson olc sam bith. “Uime sin èisdibh rium, sibhse a dhaoine tuigseach: Fada gu robh aingidheachd o Dhia, agus euceart on Uile-chumhachdach,” dh’abair Iob aig Iob 34:10. Tha rùn gràdhach aig Dia airson an chinne-daonna. ’S ann airson sin a dh’ionnsaich Iosa an ùrnaigh dhuinn: “Ar n-Athair a tha air nèamh, Gu naomhaichear d’ainm. Thigeadh do rìoghachd. Dèanar do thoil air an talamh, mar a nìthear air nèamh.” (Mata 6:9, 10) Tha cùram aig Dia cho domhain dhuinn agus gu deach e gu astar mòr airson gu tigheadh a’ chùis aige fìor anns a h-uile dòigh.—Eòin 3:16.

Coimhead cuideachd air Genesis 1:26-28; Seumas 1:13; agus air 1 Peadar 5:6, 7.

Cuin a’ Stadas Cogaidh Agus Giùlain?

CARSON A THA A-CHEIST SIN GA FAIGHNEACHD: Tha cogaidh a’cumail air a bhi coireach airson call mòr beatha bho mòran dhan shluagh. Tha seo a cur dragh glè throm oirnn uile. Bhiodh e glè dhoirbh dachaigh fhaighinn feadh an t-saoghal nach eil brònach ann an dòigh air choireigin.

DÈ THA AM BÌOBALL A’ TEAGASG: Tha Dia a’fàisneachadh àm nuair a’shuidheachas e sìth feadh gach ceàrn dhan t-shaoghail gu lèir. Fo a Rìoghachd fhèin, tha sin a’ ciallachadh pàrlamaid nèamhaidh, “chan fhòghlaim iad [a sluagh] cogadh nas mò.” An àite sin, “buailidh iad an claidheamham gu coltairean.” (Isaiah 2:4) Naidheachd mhath gu dearbhadh a tha sin! Bheir Dia gu crìoch a h-uile mì-cheartas agus fulangas oir tha am Bìoball a’ gealladh: “Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò; oir chaidh na ciad nithean thairis.”—Taisbeanadh 21:3, 4.

Coimhead cuideachd air Salm 37:10, 11; 46:9; agus air Micah 4:1-4.

Dè Thachras Dhuinn Nuair a’ Thig a-Bàs Thugainn?

CARSON A THA A-CHEIST SIN GA FAIGHNEACHD: Tha chuid as mò do chreideamhan air feadh an t-saoghail a’teagasg gu bheil rudeigin taobh a-staigh corp a phearsa fhèin a’mhaireas beò an dèidh a bhàis. Tha feadhainn a’dèanamh a-mach gu dèan iad cron air an fheadhainn a tha beò no gu bheil Dia ga dochann; sin iadsan a tha ciontach, ’s gu cuir dhan teine mhòr far am bi iad a’giùlan a sin gu sìorraidh tuilleadh.

DÈ THA AM BÌOBALL A’ TEAGASG: Aig a bhàs tha a bheatha stad: “Ach chan eil fhios nì air bith aig na mairbh,” thuirt Eclesiastes 9:5. Bho nach eil fios no faireachdainn no eòlas air rud sam bith aig na mairbh cha dèan iad cron no cuideachadh dhan fheadhainn a tha beò.—Salm 146:3, 4.

Coimhead cuideachd air Genesis 3:19 agus air Eclesiastes 9:6, 10.

 A Bheil Dòchas sam Bith ann Airson na Mairbh?

CARSON A THA A-CHEIST SIN GA FAIGHNEACHD: Tha sinn airson a bhi beò, agus a bhi toilichte timcheall na feadhainn a tha glè ghaolach dhuinn. Tha e nadurrach gu bheil sinn a’miannachadh faicinn a-rithist ar cairdean gràdhach a’bhàsaich ’s iad a bhi beò, ’s bhi còmhla ruinn.

DÈ THA AM BÌOBALL A’ TEAGASG: Bithidh chuid as mò a’bhàsaich a’tilleadh air ais anns an aiseirigh. Nach do gheall Iosa “iadsan uile a tha anns na h-uaighean . . . thèid iad a-mach.” (Eòin 5:28, 29) Bithidh cothrom aig a chinne-daoine a gheibh an aiseirigh a bhi suidhichte air talamh Pàrras mar bha miann Dhè anns an toiseach. (Lùcas 23:43) Bithidh na nithean sin còmhla ri slàinte fìorghlan, agus a bharrachd air a sin beatha mhaireannach. Tha sin air a’ ghealltainn do chinne-daoine a tha umhail. Nach eil am Bioball ag ràdh: “Mealaidh na fìreanan an tìr, agus gabhaidh iad còmhnaidh innte gu bràth.”—Salm 37:29.

Coimhead cuideachd air Iob 14:14, 15; Lùcas 7:11-17; agus air Gnìomharan nan Abstol 24:15.

Ciamar a Nì Mi Ùrnaigh a’ Chluinneas Dia?

CARSON A THA A-CHEIST SIN GA FAIGHNEACHD: Tha airson gu bheil a chuid as motha do chreideamhan an t-shluaigh a’dèanamh ùrnaigh. Ach tha earran na measg a tha faireachdainn nach eil na h-ùrnaighean aca faighinn freagairt.

DÈ THA AM BÌOBALL A’ TEAGASG: Dh’ionnsaich Iosa sinn a bhi cuir cùl ri bhi cleachdadh ag ràdh na h-aon fhaclan daonnan mar rann nuair a bhios sinn a g’ùrnaigh. Thuirt esan: “Nuair a nì sibh ùrnaigh na gnàthaichibh ath-iarrtasan dìomhain.” (Mata 6:7) Ma bhios sinn airson Dia a bhi ag èisteachd ri n’h-ùrnaighean againn, feumaidh sinn a bhi ag ùrnaigh anns an dòigh a tha e air a chuir a-mach dhuinn. An toiseach feumaidh sinn faighinn a-mach mu dheidhinn toil Dhè agus a bhi a g’ùrnaigh a rèir sin. Tha an abstoil Eòin a’ soilleireachadh seo glè mhath: “Ma dh’iarras sinn nì sam bith a rèir a thoile, gun èisd e rinn.”—1 Eòin 5:14.

Coimhead cuideachd air Salm 65:2; Eòin 14:6, 14; agus air 1 Eòin 3:22.

Ciamar a Gheibh Mi Beatha Thoilichte?

CARSON A THA A-CHEIST SIN GA FAIGHNEACHD: Tha mòran dhan shluagh a’ creidsinn gu dèan airgid, na bhi ainmeilachd; na bhi bòidheach na pearsa gu bi iad an uairsin toilichte. Thèid iad le cabhaig às dèidh na rudan sin—ach gheibh iad a-mach glè luath nach eil sgeul air an toilicheas a bha dùil aca fhaighinn.

DÈ THA AM BÌOBALL A’ TEAGASG: Dh’aithnich Iosa an iuchair a dh’fhosgladh toilicheas dhuinn nuair a dh’ abair e: “Is beannaichte iadsan a tha bochd nan spiorad.” (Mata 5:3) Cha ghabh toilicheas ceart fìrinneach fhaighinn gu bràth mar a gabh sinn ceuman airson sinn a lìonadh le rud a tha sinn glè fheumach air. ’S e sin an t-acras a tha oirnn uile airson fìrinn spioradail mu dheidhinn Dia agus a thoil dhuinn uile. Tha an fhìrinn sinn ga faighinn ’sa Bhìoball. Cuidiche tuisge na fìrinn sin gu mòr airson sinn dèanamh a-mach dè rud a tha glè chudromach agus dè rud nach eil. Mu leigeas sinn le fìrinn a Bhìoball a bhi gar stiùradh a h-uile latha, cumaidh sinn air seòladh gu beatha a bhios cus nas fheàrr as a h-uile dòigh.—Lùcas 11:28.

Coimhead cuideachd air na Gnàth-Fhacail 3:5, 6, 13-18 agus air 1 Timòteus 6:9, 10.

 Cha robh seo ach sùil bheag air freagairt a’ Bhìoball do na sia ceistean sin. Am biodh sibh airson barrachd fiosrachadh fhaighinn a-mach? Ma tha sibh a-measg na feadhainn a tha “bochd nan spiorad,” tha fhios gu bi sibh deònach sin a’dhèanamh. ’S docha gu bheil ceistean eile ann a tha cuir ioghnadh oirbh, ’s docha feadhainn mar seo: ‘Ma tha Dia a’gabhail aire dhuinn, carson a tha e a’leigeil leithid a dh’olc agus giùlain tachairt troimh na linntean? Ciamar as urrain dhomhsa beatha mo theaghlaich a’dhèanamh nas fhearr?’ Tha ceistean mar sin agus gu leòr eile air an deagh fhreagairt anns a’Bhìoball.

Ach, san là-an-diugh tha cuid a dhaoine glè ghealtach sùil a’ thoirt air a’ Bhìoball. Saoileadh iad gur e leabhar mòr, fada, doirbh a’thuigsinn a tha ann. Am biodh tlachd agaibh cuideachadh fhaighinn airson na freagairtean a’lorg anns a Bhìoball? Ma tha, cuideachaidh luchd-fianais Iehòbha sibh.

Tha leabhar math aca What Does the Bible Really Teach? Tha leabhar seo air a chuir air dòigh airson daoine trang sgrùdadh a’dhèanamh air na freagairtean soilleir a tha am Bìoball a’toirt seachad do cheistean a tha glè chudromach. A bharrachd air a sin tha iad a’tabhainn cùrsa ’sa Bhìoball nach cosg sgillean dhuit! Bi sin na do dhachaigh fhèin no àite eile tha freagarrach. Tadhlaidh nàbaidh choibhneil a tha eòlach air a bhi teagasg ’sa Bhìoball aon uair san t-seachdain airson greasaig bheag oirbh. Gheibh sibh cothrom an uair sin air reusanachadh a’dhèanamh ’sa Bhìoball. Tha ioma-millean feadh an t-saoghail air buannachadh gu mòr bho na cùrsaichean seo. Ruig mòran dhiubh a bharail iongantach seo: “Nach dh’fhuair mi an fhìrinn!”

Cha gabh ionmhas nas luachmhor fhaighinn. Fuasglaidh fìrinn a’Bhìoball sinn bho bhi saobhchràbhach, gun fhios againn dè tha sinn a’creidsinn agus bho eagul dubhach a bhi tighinn oirnn. Bheir an fhìrinn sin dhuinn dòchas a tha cinnteach airson cumail air adhart le toileachas. Gheall Iosa: “Agus bidh eòlas agaibh air an fhìrinn, agus nì an fhìrinn saor sibh.”—Eòin 8:32.