Skip to content

Skip to secondary menu

Fianaisean Iehòbha

Gàidhlig

An Stad Fulangas Gu Bràth?

An Stad Fulangas Gu Bràth?

An canadh tu . . .

  • stadaidh?

  • cha stad?

  • ’is dòcha gu stad?

 THA AM BÌOBALL AG RÀDH

“Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò.”—Taisbeanadh 21:3, 4, Am Bìoball Gàidhlig 1992.

THA SIN A’ CIALLACHADH DHUT

Urras nach e Dia as coireach airson ar trioblaidean.—Seumas 1:13.

Cofhurtachd le fios gu bheil Dia a’ faireachdainn ar pian.—Sechariah 2:8.

Dòchas le cinnt, gu stad a h-uile fulangas.—Salm 37: 9-11.

 AN CREID SINN LE CINNT DÈ THA ANNS A’ BHÌOBALL?

Creididh, airson co-dhiù dà adhbhar:

  • Tha gràin aig Dia air fulangas agus eucoir. Smaoinich mar a bha Dia, Iehòbha a’ faireachdainn nuair a bha a dhaoine fhèin gan droch-dhochann aig àm linntean a’ Bhìobaill. Tha am Bìoball ag ràdh gun robh Dia brònach air sgàth “na muinntir sin a rinn ainneart orra!”—Britheamhan 2:18.

    Tha gràin mhòr aig Dia air feadhainn a nì cròn air càch. Mar eisimpleir tha am Bìoball ag ràdh gu bheil “làmhan a dhòirteas fuil neo-chiontach“ gràineil dha.—Gnàth-fhacail 6:16, 17.

  • Tha Dia cùramach dhuinn uile gu pearsanta. Ged “a bhios fhios aig gach aon air a’ phlàigh fhèin” tha fios aig Iehòbha cuideachd air a sin!2 Eachdraidh 6:29, 30.

    Tron a Rìoghachd, cuiridh Iehòbhah stad air fulangas a h-uile neach. (Mata 6:9, 10) An dràsta, tha Dia cùramach agus laghach ri feadhainn a tha dha-rìribh a’ coimhead a-mach air a shon.—Gnìomharan 17:27; 2 Corintianaich 1:3, 4.

 SMAOINICH AIR

Carson a tha Dia a’ leigeil le fulangas tachairt?

Tha am Bìoball a’ freagairt sin aig RÒMANAICH 5:12 agus 2 PEADAR 3:9.