Skip to content

Skip to secondary menu

Fianaisean Iehòbha

Gàidhlig

Am Bì nam Mairbh Beò A-rithist Gun Teagamh?

Am Bì nam Mairbh Beò A-rithist Gun Teagamh?

Canaidh . . .

  • bithidh?

  • cha bhi?

  • is dòcha gum bi?

 THA AM BÌOBALL AG RÀDH

“Gun tig aiseirigh nam mairbh.”—Gnìomharan 24:15, Am Bìoball Gàidhlig 1992.

THA SIN A’ CIALLACHADH DHUT

Cofhurtachd nuair a’ bhàsaicheas ar daoine gaolach.—2 Corintianaich 1:3, 4.

Saorsa bhon eagal mun bhàs.—Eabhraidhich 2:15.

Dòchas cinnteach gun till ar daoine gaolach air ais thugainn.—Eòin 5:28, 29.

 AN CREID SINN LE CINNT DÈ THA ANNS A’ BHÌOBALL?

Creididh, airson co-dhiù trì adhbharan:

  • Se Dia an Cruithear na beatha. Tha am Bìoball ag ràdh gur e Dia Iehòbha “tobar na beatha.” (Salm 36:9; Gnìomharan 17:24, 25) Tha Dia a thug beatha don a h-uile creutair a bha riamh beò, glè chomasach air beatha thoirt air ais do dhuine a bhàsaich.

  • As an àm a chaidh seachad thug Dia aiseirigh do dhaoine. Sgrìobhte sa Bhìoball tha ochd iomraidhean far an do thill daoine marbh beò—òg ’s seann, fireann ’s boireann, air ais air an talamh. Feadhainn bha marbh greiseag bheag, ach aon dhiubh bha marbh san uaigh ceithir latha!—Eòin 11:39-44.

  • Se miann Dhè sin a dhèanamh a-rithist. Tha gràin aig Iehòbha air a bhàs; tha e ga fhaicinn mar nàmhaid. (1 Corintianaich 15:26) Tha “dèidh” aige cuir às dhen bhàs, troimh an aiseirigh. ’Se mhiann an fheadhainn a tha na chuimhne thoirt air ais beò, ’s e bhi gan fhaicinn air an talamh a-rithist.—Iob 14:14, 15.

 SMAOINICH AIR

Carson a thig an aois agus am bàs oirnn?

Tha am Bìoball a’ freagairt sin aig GENESIS 3:17-19 agus RÒMANAICH 5:12.