Skip to content

Skip to secondary menu

Fianaisean Iehòbha

Gàidhlig

Dè Do Bheachd Air a’ Bhìoball?

Dè Do Bheachd Air a’ Bhìoball?

An canadh tu gur e . . .

  • leabhar gliocas dhaoine?

  • leabhar faoin-sgeòil agus ròlaistean?

  • Facal Dhè?

 THA AM BÌOBALL AG RÀDH

“Tha an sgriobtar uile air a dheachdadh le Spiorad Dhè.”—2 Timòteus 3:16, Am Bìoball Gàidhlig 1992.

THA SIN A’ CIALLACHADH DHUT

Freagairtean riaraichte do cheistean cudromach.—Gnàth-fhacail 2:1-5.

Stiùireadh earbsach airson ar beatha gach là.—Sailm 119:105.

Dòchas fìor airson an t-àm ri teachd.—Ròmanaich 15:4.

 AN CREID SINN LE CINNT DÈ THA ANNS A’ BHÌOBALL?

Crèididh, airson cò-dhiù trì adhbharan:

  • Rèite iongantach ann. Tarsainn àm a thug mìle agus sia ceud bliadhna, sgrìobh ceathrad duine bha diofaraichte am Bìoball. Ged nach do thachair a cuid is motha dhiubh riamh ri chèile ge-tà, bha an leabhar uile rèidh, le aon meadhan-chuspair!

  • Eachdraidh onarach. A rèir coltas bi luchd-eachdraidh a’ cumail falach àmanan nach deach gu math do dhaoine fhèin. Ach, cha do rinn sgrìobtairean a’ Bhìobaill sin idir, sgrìobh iadsan na fàilligidhean pearsanta aca fhèin agus aig an cuid nàiseanan.—2 Eachdraidh 36:15, 16; Salm 51:1-4.

  • Fàìdheadaireachd earbsach. Mu dhà cheud bliadhna mun do sgriosair an t-sean Bhaile Mòr Bhàbilon, bha sin air innse sa Bhìoball. (Isaiah 13:17-22) Chan e a-mhàin dè an dòigh a thuiteadh Bàbilon, ach bha an ceannsaiche air ainmeachadh!—Isaiah 45:1-3.

    Thàinig tòrr eile fàidheadaireachd sa Bhìobaill fìor, sìos gun a rud bu lugha. Ach nach e sin a bhiodh dùil againn bho Fhacal Dhè?—2 Peadar 1:21.

 SMAOINICH AIR

Ciamar a ni Facal Dhè mo bheatha nas fhèarr?

Tha am Bìoball a’ freagairt sin aig ISAIAH 48:17, 18 agus 2 TIMÒTEUS 3:16, 17.