Gàidhlig
Carson a tha Fianaisean Iehòbha a’ cumail neodrachd phoileataigeach?
https://cms-imgp.jw-cdn.org/img/p/502014218/univ/art/502014218_univ_sqr_xl.jpg
ijwfq aiste 37

Carson a tha Fianaisean Iehòbha a’ cumail neodrachd phoileataigeach?

Carson a tha Fianaisean Iehòbha a’ cumail neodrachd phoileataigeach?

 Bidh Fianaisean Iehòbha a’ cumail neodrachd phoileataigeach airson adhbharan creideimh a tha stèidhichte air teagaisgean a’ Bhìobaill. Cha bhi sinn a’ dèanamh coiteach, a’ bhòtadh airson pàrtaidhean phoileataigeach no luchd-tagraidh, ruith airson dreuchdan, no gabhail pàirt ann an cùisean phoileataigeach. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil Am Bìoball a’ toirt adhbharan cinnteach airson a’ chùrsa seo a’ leantainn.

  •   Bidh sinn a’ leantainn eisimpleir Ìosa, a dhiùlt oifis-phoileataigeach a ghabhail. (Eòin 6:​15) Theagaisg Ìosa a dheisciobail nach bu chòir dhaibh a bhith pàirt “dhen t-saoghal” agus nach bu chòir dhaibh taobhan a ghabhail ann an cùisean phoileataigeach.​—Eòin 17:14, 16; 18:36; Marcas 12:13-​17.

  •   Bidh sinn dìleas don Rìoghachd Dhè, mar a thuirt Ìosa: “bidh an soisgeul seo aig an rìoghachd air a shearmonachadh air feadh an t-saoghail gu lèir.” (Mata 24:14) Mar riochdairean den Rìoghachd, tha feum againn a bhruidhinn mun Rìoghachd ri tighinn, agus mar sin, bidh sinn a’ cumail neodrachd anns na cùisean phoileataigeach dhen a h-uile nàisean, an lùib an tè far a bheil sinn a’ fuireach.​—2 Corintianaich 5:​20; Ephèsianaich 6:​20.

  •   Air sgàth ’s gu bheil sinn neodrach, is urrainn dhuinn bruidhinn ri dhaoine de gach bheachd poileataigeach mun deagh naidheachd na Rìoghachd Dhè. Tro ar faclan agus gnìomhan, bidh sinn a’ feuchainn ri sealltainn gu bheil sinn a’ cur ar dòchas anns an Rìoghachd Dhè, a bheir freagairtean don trioblaidean an t-saoghail.​—Salm 56:11.

  •   Leis gu bheil sinn a’ seachnadh sgaraidhean poileataigeach, tha sinn aonaichte mar bhràithreachas eadar-nàiseanta. (Colosianaich 3:​14; 1 Peadar 2:​17) Co-chontrarrachd ri sin, bidh sgaraidhean am measg buill-chreideamhan a tha a’ gabhail gnothaich ri poileataigs.​—1 Corintianaich 1:​10.

 Urram dhan riaghaltasan. Ged nach bi sinn a’ gabhail pàirt ann am poileataigs, bidh sinn a’ toirt urram dhan ùghdarras nan riaghaltasan far a bheil sinn a’ fuireach. Tha sin ag aontachadh ri àithne a’ Bhìobaill: “Biodh gach neach umhail dha na h-ùghdarrasan a tha a’ riaghladh.” (Ròmanaich 13:1) Tha sinn ùmhlach don lagh, a’ pàigheadh ar cìsean agus ag obair còmhla ri oidhirpean na riaghaltasan gus taic a thoirt dhan muinntir aca. An àite a bhith ag obair an aghaidh an riaghaltas, tha sinn a’ leantainn comhairle a’ Bhìobaill gus ùrnaigh a dhèanamh airson “rìghrean ’s iadsan uile a th’ ann an ùghdarras,” gu h-àraid nuair a tha iad a’ dèanamh co-dhùnaidhean a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air saorsa adhraidh.​—1 Timòteus 2:​1, 2.

 Tha urram againn airson còraichean feadhainn eile agus an co-dhùnaidhean aca fhèin a thaobh cùisean phoileataigeach. Mar eisimpleir, cha bhi sinn a’ bacadh taghaidhean no a’ gabhail gnothaich ris an fheadhainn a tha ag iarraidh bhòtadh.

 An e ar neodrachd rudeigin ùr? Chan e. Bha an aon smuain aig na h-abstolan agus na Crìostaidhean eile sa chiad linn a thaobh ùghdarras riaghaltasan. Tha an leabhar Beyond Good Intentions ag ràdh: “Ged a chreid iad gun robh feum orra onair a thoirt dhan riaghaltasan, cha do ghabh Crìostaidhean tùsail pàirt ann an cùisean phoileataigeach.” San aon dòigh, tha an leabhar On the Road to Civilization ag ràdh “nach biodh dreuchd phoileataigeach” aig Crìostaidhean tùsail.

 A bheil ar neodrachd na cunnart do thèarainteachd nàiseanta? Chan eil. ’S e muinntir sìtheil a th’ annainn, mar sin chan eil adhbhar ann airson eagal a bhith aig na h-ùghdarrasan riaghaltais. Meòraich air cunntas 2001 bhon National Academy of Sciences of Ukraine. Ag aithris air ar neodrachd phoileataigeach, tha an cunntas ag ràdh: “An-diugh cha toil feadhainn am beachd air Fianaisean Iehòbha; ’s e an adhbhar bunaiteach a bh’ ann carson ’s gun deach am Partaidh Nàsach agus am Partaidh Commanach casaid orra san àm a dh’fhalbh.” Fiù ’s fo geur-leanmhainn nan Sovietach, bha Fianaisean Iehòbha “fhathast a’ cumail na laghan. Bha iad ag obair gu h-onaireach agus ann an dòigh mi-fhèineil ann an tuathanasan-coitcheann agus làraichean gnìomhachais, cha robh iad nan cunnart dom Partaidh Commanach.” Mar an ceudna fhathast an-diugh, tha an cunntas a’ crìochnachadh, cha bhi na creideamhan agus cleachdaidhean de Fhianaisean Iehòbha “a’ cur an tèarainteachd no aonachd de stàit sam bith ann an cunnart.”