Gàidhlig
Dè tha Fianaisean Iehòbha a’ Creidsinn?
https://cms-imgp.jw-cdn.org/img/p/502015242/univ/art/502015242_univ_sqr_xl.jpg
ijwfq aiste 44

Dè tha Fianaisean Iehòbha a’ Creidsinn?

Dè tha Fianaisean Iehòbha a’ Creidsinn?

Mar Fhianaisean Iehòbha, bidh sinn a’ dèanamh ar dìcheall gus leantainn teagasgan Ìosa Crìost agus eisimpleir na h-abstolan aige. Tha an t-artaigil seo a’ toirt seachad geàrr-iomraidh air na creideamhan bunaiteach againn.

  1.   Dia. Bidh sinn ag adhradh an t-aon Dia fìor uile-chumhachdach aig an t-ainm Iehòbha. (Salm 83:18; Taisbeanadh 4:​11) Is e Dia Abrahàim, Maois, agus Ìosa.​—Ecsodus 3:6; 32:11; Eòin 20:17.

  2.   Am Bìoball. Tha sinn a’ creidsinn gur e teachdaireachd Dhè dhuinn uile a th’ anns a’ Bhìoball. (Eòin 17:17; 2 Timòteus 3:​16) Tha nar creideamhan stèidhichte dìreach air na 66 leabhraichean den Bhìoball, air An t-Seann Tiomnadh agus An Tiomnadh Nuadh. Mhìnich an t-Ollamh Jason D. BeDuhn seo gu freagarrach nuair a sgrìobh e mu dheidhinn Fianaisean Iehòbha “Thog iad na creideamhan agus gnìomhan aca air susbaint a’ Bhìobaill gun ro-rùnachadh dè bh’ ann.” a

     Bidh sinn a’ gabhail ris Am Bìoball gu lèir ach cuideachd tha sinn ag aithneachadh gu bheil pàirtean den a’ Bhìoball sgrìobhte ann an cànan dealbhadh neo fhigearach agus cha bu chòir dhuinn a thuigsinn gu litireil.​—Taisbeanadh 1:1.

  3.   Ìosa. Bidh sinn a’ leantainn teagaisgean agus eisimpleir Ìosa Crìost. A’ sealltainn urram dha mar ar Slànaighear agus Mac Dhè. (Mata 20:28; Gnìomhan 5:​31) Mar sin, ’s e Crìostaidhean a th’ annainn. (Gnìomhan 11:26) Tha sinn air ionnsachadh bhon Bhìoball ge-tà, nach eil Ìosa an Dia uile-chumhachdach agus chan eil bunait sam bith sa Bhìoball airson na Trianaid.​—Eòin 14:28.

  4.   An Rìoghachd Dhè. ’S i fìor riaghaltas an ann nèimh, chan e staid ann an cridhe gach Crìostaidh. Cuiridh Dia an riaghaltas seo an àite na riaghaltasan an t-saoghail agus coileanadh i miann Dhè airson an talamh. (Daniel 2:​44; Mata 6:​9, 10) Nì i seo a dh’aithgheàrr, oir tha fàisneachd a’ Bhìobaill a’ sealltainn gu bheil sinn beò sna “làithean deireannach.”​—2 Timòteus 3:​1-5; Mata 24:​3-​14.

     ’S e Ìosa Rìgh na Rìoghachd Dhè sa nèamhan. Thòisich e a riaghladh ann an 1914.​—Taisbeanadh 11:15.

  5.   Slàinte. Tha sàbhaladh bho pheacaidh agus bàis comasach dhuinn tron ìobairt Ìosa. (Mata 20:28; Gnìomhan 4:​12) Airson a bhuannachd bho an ìobairt seo, tha feum aig daoine ag atharradh am beatha aca agus a faighinn baiste, chan eil e gu leòr dìreach a’ chreidsinn ann an Ìosa. (Mata 28:19, 20; Eòin 3:​16; Gnìomhan 3:​19, 20) Bidh an gnìomhan aig cuideigin a’ dearbhadh an creideamh aige agus a’ sealltainn gu bheil e beò. (Sheumais 2:​24, 26) Chan urrainn dhuinn ag obair gus slàinte fhaighinn ge-tà​—tha e a’ tighinn bho “gràs Dhè” a-mhàin.​—Galàtianaich 2:​16, 21.

  6.   Nèamh. Bidh Dia Iehòbha, Ìosa Crìost agus na h-ainglean dìleas a’ fuireach ann an nèamh. b (Salm 103:19-​21; Gnìomhan 7:​55) Cha gheibh ach buidheann beag de dhaoine​—144,000​—aiseirigh nèamhaidh gus riaghladh le Ìosa san Rìoghachd.​—Daniel 7:​27; 2 Timòteus 2:​12; Taisbeanadh 5:​9, 10; 14:​1, 3.

  7.   Talamh. Chruthaich Dia an t-saoghal gus a bhith an dachaigh mhaireannach againn. (Salm 104:5; 115:16; Eclesiastes 1:4) Bidh Dia a’ beannachadh daoine dìleas le slàinte foirfe agus beatha mhaireannach ann am pàrras thalmhainn.​—Salm 37:11; 34.

  8.   Olc agus fulangas. Thòisich seo nuair a chaidh aon de na h-ainglean an aghaidh Dia. (Eòin 8:​44) Às dèidh an ar-a-mach, bha an t-ainm “Sàtan” no an “Diabhal” air an aingeal seo. Rinn Sàtan mealladh air a’ chiad dithis a gabhail pàirt san ar-a-mach seo agus tha na toraidhean uabhasach den co-dhùnadh seo follaiseach sìos dhan latha an-diugh. (Genesis 3:​1-6; Ròmanaich 5:​12) Airson a’ chùisean moralta a rèitich a thog Sàtan, tha Dia air a’ leigeil olc agus fulangas ach cha leig e na rudan seo a dol air adhart gu bràth.

  9.   Bàs. Nuair a bhàsaicheas cuideigin thig iad a-mach gu bi. (Salm 146:4; Eclesiastes 9:​5, 10) Cha bhi iad a’ fulang ann an ifrinn.

     Tro an aiseirigh bidh Dia a’ togail air ais gu beatha billeanan de dhaoine marbh. (Gnìomhan 24:15) Cuiridh Dia gu crìoch iad a tha diùltadh na teagaisgean aige às dèidh an aiseirigh aca; cha bhi dòchas aig an fheadhainn seo air aiseirigh eile.​—Taisbeanadh 20:14, 15.

  10.   Teaghlach. Bidh sinn a’ cumail ris na h-ìrean Dhè a rèir phòsadh mar aonadh eadar aon fhear agus aon bhoireannach, a’ creidsinn gu bheil feis mì-mhoralta an aon bhunait airson briseadh-pòsaidh. (Mata 19:​4-9) Tha sinn cinnteach gu bheil gliocas a’ Bhìobaill a’ cuideachadh teaghlaichean a bhith soirbheachail.​—Ephèsianaich 5:⁠22–​6:1.

  11.   An adhradh againn. Cha bhi sinn a’ dèanamh adhradh don crann-ceusaidh no dealbhan eile. (Deuteronomi 4:​15-​19; 1 Eòin 5:​21) Tha na prìomh phàirtean den adhradh againn a’ leantainn:

  12.   Am buidheann againn. Tha sinn eagraichte ann an co-thionalan, far am bi buidheann nan èildearan a’ coimhead às dèidh gach co-thional. Ach cha bhi na h-èildearan pàirt de bhuidheann sònraichte clèir agus cha gheibh iad airgead airson an obair a nì iad. (Mata 10:8; 23:8) Cha bhi sinn a’ dèanamh ‘tithing’ agus cha bhi sinn a’ gabhail ofrail aig ar coinneamhan. (2 Corintianaich 9:7) Tha tacas airson ar obair a’ tighinn bho tiodhlaicean neo-ainmichte.

     Tha am Bòrd-Stiùiridh, buidheann beag de h-èildearan a tha a’ frithealadh aig ar prìomh-oifis cruinneil, a’ toirt stiùireadh do Fhianaisean Iehòbha air feadh an t-saoghail.​—Mata 24:45.

  13.   An aonachd againn. Air feadh an t-saoghail, tha sinn uile air aonadh ann ar creideamh. (1 Corintianaich 1:​10) Tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall gus nach bi roinn sam bith eadarainn air sgàth diofaran sòisealta, eitnigeach no cinnidheach. (Gnìomhan 10:34, 35; Sheumais 2:4) Ged a tha aonachd againn, bidh gach Fianais a’ dèanamh co-dhùnaidhean pearsanta a rèir an cogais aca a tha a’ stiùireadh le prionnsabalan a’ Bhìobaill.​—Ròmanaich 14:​1-4; Eabhraich 5:​14.

  14.   An dòigh beatha againn. Bidh sinn ag obair cruaidh gus gràdh neo-fhèineil a shealltainn anns a h-uile gnìomh againn. (Eòin 13:34, 35) Bidh sinn a’ seachnadh cleachdaidhean nach eil a’ còrdadh ri Dia, mar mì-chleachdadh fhuil le bhith a’ gabhail iomlaid fala. (Gnìomhan 15:28, 29; Galàtianaich 5:​19-​21) Tha sinn sìtheil agus cha bhi sinn a’ gabhail pàirt ann an cogadh. (Mata 5:9; Isaiah 2:4) Bidh sinn a’ toirt urram dhan riaghaltas far a bheil sinn a’ fuireach agus tha sinn umhail dhan laghan nuair nach eil iad a’ dol an aghaidh laghan Dhè.​—Mata 22:21; Gnìomhan 5:​29.

  15.   An dàimh againn ri daoine eile. Dh’àithn Ìosa: “Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.” Cuideachd thuirt e “Chan eil iadsan (Crìostaidhean) dhen t-saoghal.” (Mata 22:39; Eoin 17:16) Mar sin, bidh sinn a’ feuchainn gus “dèanamaid math dhan a h-uile duine,” ach chan eil sinn a’ gabhail pàirt ann an cùisean poileataigeach agus tha sinn a’ seachnadh ceangail ri creideamhan eile. (Galàtianaich 6:​10; 2 Corintianaich 6:​14) Ge-tà, tha sinn a’ toirt urram dha na taghaidhean aig feadhainn eile.​—Ròmanaich 14:12.

 Ma tha ceistean sam bith agad mu dheidhinn na creideamhan aig Fianaisean Iehòbha, ’s urrainn dhut barrachd a leughadh air an làrach-lìn againn, cuir fios dhan oifis againn, tadhal air talla coinneamh faisg ort, no bruidhinn ri Fianais Iehòbha anns an sgìre agad fhèin.

a  Faic Truth in Translation, duilleag 165.

b  Chaidh na h-ainglean uilc air a thilgeil a-mach às na nèamhan, ach tha iad beò fhathast ann an àiteachan nan spioradan.​—Taisbeanadh 12:​7-9.