Carson nach bi Fianaisean Iehòbha a’ comharrachadh na Nollaige?
Mì-thuigsinn cumanta
Mì-thuigsinn: Cha bhi Fianaisean Iehòbha a’ comharrachadh na Nollaige oir chan eil iad a’ creidsinn ann an Ìosa.
An fhìrinn: ’S e Crìostaidhean a th’ annainn. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil slàinte a’ tighinn bho Ìosa Crìosd a-mhàin.—Gnìomhan 4:12.
Mì-thuigsinn: Bidh sinn a’ briseadh suas teaghlaichean le bhith a’ teagasg dhaoine nach bu chòir dhaibh an Nollaig a chomharrachadh.
An fhìrinn: Tha teaghlaichean gu math cudromach dhuinn agus bidh sinn a’ cleachdadh prionnsabalan a’ Bhìobaill gus teaghlaichean nas làidire a thogail.
Mì-thuigsinn: Bidh sinn a’ call a-mach air “spiorad na Nollaige”, spiorad a tha coibhneil agus a tha a’ brosnachadh sìth am measg dhaoine.
An fhìrinn: Bidh sinn a’ dèanamh ar dìcheall gu bhith coibhneil agus a’ brosnachadh sìth gach latha. (Gnàth-fhacal 11:25; Ròmanaich 12:18) Mar eisimpleir, tha ar coinneamhan agus ar n-obair shearmonachaidh a’ leantainn aithne Ìosa nuair a thuirt e “An-asgaidh a fhuair sibh, an-asgaidh thoiribh seachad.” (Mata 10:8) A bharrachd air seo, tha sinn a’ creidsinn gur e an Rìoghachd Dhè an aon fhìor dhòchas airson sìth air an talamh.—Mata 10:7.
Carson nach bi Fianaisean Iehòbha a’ comharrachadh na Nollaige?
Dh’iarr Ìosa gum bu chòir dhuinn a bhàis a chomharrachadh agus chan e a bhreith.—Lùcas 22:19, 20.
Cha do chomharraich na h-abstolan agus a’ chiad deisciobail Ìosa An Nollaig. Tha an New Catholic Encyclopedia ag ràdh “cha robh fèille Là-breith air stèidhichte na bu tràithe na 243 [RC],” barrachd air ceud bliadhna as dèidh bàs nan abstoil mu dheireadh.
Chan eil fianais sam bith ann gun do rugadh Ìosa air 25mh den Dùbhlachd; chan eil a cheann-latha breith air a chlàradh sa Bhìoball.
Chan eil sinn a’ creidsinn gu bheil Dia a’ gabhail ris na Nollaige oir tha i bunaichte air tòrr chleachdaidhean pàganta.—2 Corintianaich 6:17.
Nach eil am beachd seo connspaideach?
Tha mòran fhathast ann a tha a’ comharrachadh na Nollaige ged a tha fios aca mun bhunait pàganta agus nach eil taic ann air a son bhon a’ Bhìoball. Dh’fhaodadh cuideigin mar seo a faighneachd: Carson a bhith connspaideach mun chùis seo?
Tha Am Bìoball gar brosnachadh a’ bhith a’ smaoineachadh air cùisean air ar son fhèin. (Ròmanaich 12:1, 2) Tha e cuideachd a’ teagasg dhuinn gu bheil an fhìrinn rudeigin luachmhor. (Eòin 4:23, 24) Mar sin, ged a tha ùidh againn air ciamar a tha daoine a’ smaoineachadh mar deidhinn, bidh sinn a’ cumail ri prionnsabalan a’ Bhìobaill ged a tha seo aig amannan connspaideach.
Ged nach bi sinne a’ comharrachadh na Nollaige, tha spèis againn airson gach daoine agus airson na co-dhùnaidhean a dhèanadh iad air a’ chùis seo. Mar sin, cha bhi sinn a’ cur bacadh air daoine sam bith gus an Nollaig a chomharrachadh.

